Skip to main content

‹‹‹ prev (129) Page 119Page 119

(131) next ››› Page 121Page 121

(130) Page 120 -
J 20 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
roimh'n t-Sodalaiche. Thuirt an treas fear iad a thoirt
an ro-aire nach caidleadh iad air talamh na drùidh-
eachd.
Agus thuirt an ceathramh fear, " Gu'n soirbhicheadh
Dia lè'ibh." Mhosgail mi 'n sin à'm' shuain.
Chaidil mi rithist, agrus bhruadair mi, agus chumjaic
mi 'n dà eilthiriche ceudna, a' tearnadh a' mhonaidh
air an t-slighe a tha treòrachadh chum a' bhaile. A
nise sann aig ìochdar nam bruthaichean sin air an làimh
chlì a tha tìr na Cèilge ; agus tha as an dùthaich sin a'
teachd cbum na slighe air an robh iadsan ag imeachd,
•athad beag lìar. Choinnich iad an so òganach brisg
beothail, a thainig as an tìr sin ; agus b'e ainm Ain-
eolach. Dh' f heòraich Criosdaidh dheth ; cia as a
thainig e, agus c'àit a bha e dol ?
Aineolach. Rugadh mi san dùthaich ud thall, tamull
beag chum na làimhe clì, agus tha mi air mo thuras
chum a' bhaile nèamhaidh.
Criosdaidh. Ach cionnas a tha dùil agad faighinn a
staigh ? oir faodaidh e bhi duilich dhut dol ann.
Aineolach. Ceart raar tha daoine math' eile faotainn
ann, ars' esan.
Criosdaidh. Ach ciod a th' agad r'a f heuchainn aig
an dorus, chum gu'm fosglair dhut e ?
Aineolach. Is aithne dhomh toil mo Thighearna,
agus bha deagh chaithe-beatha agam ; tha mi 'g ìocadh
a chuid fdin do gach duine ; tha mi deanamh ùrnaigh,
a' trasgadh, ag ìocadh cis, agus a' toirt de'ircean ; agus
dh'fhàg mi mo thìr fè*in, air son na dùthcha chum am
beil mi dol.
Criosdaidh. Ach cha tàinig thu staigh air an dorus
chumhann a th' aig ceud cheann na slighe so ; 's ann
a thainig thu staigh air an rathad f hiar so, agus 's eagal
leam, ge b'e barail mhath a th' agad ort f^in, 'nuair a
thig Jatha a' mhòr chunntais, gu'n cuirear as do leth,
gu'm beil thu a'd' mheirleach agus a'd' fhear-spùinnidh,
an àite do ghabhail a staigh do'n bhaile.
Aineolach. A dhaoine is coigrich dhomhsa sibh, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence