Skip to main content

‹‹‹ prev (128) Page 118Page 118

(130) next ››› Page 120Page 120

(129) Page 119 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 119
tuigsinn gu'n robh gach aon diù sin, coltach a bhi air
an turas, mar tha sinne san àm : nach robh ?
Buachaillean. Bha agus ghleidh iad e fada cuid-
eachd.
Ciatach. Cia fhad a thainìg iad air an turas, r'an
linn fèin, ged a chaidh an cuir a thaobh gu brònach air
a cheann mu dheireadh ?
Buachaillean. Chaidh cuid ni b'fhaide, agus cuid
eile nach d' ràinig na beanntan sin.
An sin i thuirt na h-eilthirich r'a chè'ile, Is feumail
duinne neart iarraidh o'n chumhachdach.
Buachaillean. Is feumail, agus is iomchaidh dhuibh
a ghnàthachadh, 'nuair a gheibh sibh e.
B'àill leis na h-eilthirich a nise triall air an turas,
aerus dh'aontaich na buachaillean, le'n iarrtas ; mar so
dh'imich iad leo gu ceann nam beann. An sin thuirt
na buachaillean r'a chèile, Leigeamaid leo dorsan a
bhaile nèamhaidh fhaicinn m'as aithne dhaibh seall-
tainn tre'n ghlain'-amhairc againne. Ghabh an luchd-
turais gu h-ait ris a' chuireadh : uime ain thug siad
iad gu mullach àrd, ris an abrar Soilleir, agus thug iad
dhaibh a' ghloine chum sealltainn troipe.
An sin thug iad ionnsaidh amharc, tre'n ghlaine ach
thainig an sealladh fa dheireadh a nochd na buachaill-
ean daibh gu'n cùimhne agus chuir e na h-urrad oillt
orra, 's gun robh an làmhan air bhall-chrith, air chor
's nach b'urrain daibh a' ghlain' a chumail còmhnard :
ach air leo gum fac* iad ni-eigin coltach ris an dorus,
agus earrann de ghlòir an àite. An sin dh'f halbh iad
air an turas, agus shèinn iad an t-òran so :—
Rinn buachaillean an diomhaireachd
'Bha cruaidh a noehdadh dhuinn,
'S gach neaeh le'n aill a dhol fa'n còir
Gheibh eòlas air a' bheinn.
Nuair a bha iad air falbh, thug aon de na buach-
'aillean dhaibh ann an sgrìobhadh seòladh m'an t-
slighe. Thuirt fear eile dhiù, iad a bhi air am faiceall

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence