Skip to main content

‹‹‹ prev (127) Page 117Page 117

(129) next ››› Page 119Page 119

(128) Page 118 -
118 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
ars' iadsan. Thuirt na buachaillean, gu'n robh dìreach
o'n bhealach sin frith-rathad a bha treòrachadh do
Dhaingneach-an-Teagaimh, a th'aira chumail leFamh-
air-gun-dòchas : agus thainig na daoine sin, a nochdadh
dhuibh, a bha feadh nan uaighean, air thuras, mar
thainig sibhse, gus an tainig iad a cheart bhealach sin ;
agus air son gu'n robh 'n rathad-mòr garbh docair san
àite sin, roghnaich iad fhàgail, a' dol a staigh air an
àilean, far an do ghlac Famhair-gun-dòchas iad, 's an
do chuir e iad fo ghlais ann an Daingneach. an-Teag-
aimh ; 's an dèigh dba an cumail re ùine mhòr sa'
ghainntir, thug e fradharc an sùl uapa, agus threòraich
se iad am measg nan uaighean so, far am beil iad air
seacharan, gus an làtha 'n diugh, chum gum biodh an
sean f hacal air a cho-lionadh, " An duine thèid air
seacharan o shlighe na tuigse, fanaidh e ann an comh-
thional nam màrbh.'" (Gnà. xxi. 16.) An sin thug
Criosdaidh agus Ciatach sùil air a ch&le, 's an deòir a'
sruthadh, ach cha dubhairt iad a' bheag ris na buach-
ailean.
An sin chunnaic mi a' m' aisling. gu'n tug na buach-
aillean iad gu ionad eile an srath glinne, far an robh
dorus air slios a' ghlinne; dh'fhosgail iad an dorus,
agus dh'iarr iad orra amharo a staigh air : Dh'amhaire
iad a steach, agus thuig iad gu'n robh e ro dhorcha agus
làn deataich ; air leo gu'n cual iad toirm fhuaimneach,
mar aig teine, agus gearan cràiteach mar o dhaoine air
an claoidh, agusgu'nrobh f àile pronnaisg ann. An sin
thuirt Criosdaidh, Ciod is ciall d'a so? Dh'innis na
buachaillean daibh, gu'm bu fbirth-rathad so do dh'
ifrinn, rathad air an te"id cealgairean a steach : gu
h-àraidh iadsan a reiceas an coir-bhreith mar rinn
Esau; a reiceas am Maighstear mar rinn Iudas; iadsan
a bheir toibheum do'n t-soisgeul mar a rinn Alecsander :
agus iadsan a ni breug mar rinn Ananias agus Saphira
a bhean.
An sin thuirt Ciatach ris na buachaillean, tha mi a'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence