Skip to main content

‹‹‹ prev (124) Page 114Page 114

(126) next ››› Page 116Page 116

(125) Page 115 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 115
thainig ìad a chum rathad mòr an rìgh, agus bha iad
tearuinnte, do-bhrìgh gu'n robh iad a mach à fearrann
an Fhamhair.
A nis' air dhaibh dol a mach air a chas-cheum,
thoisich iad air smaointeach ciod an comharradh a chuir-
eadh iad suas aige, chum nach rachadh an aiteam a thig-
eadh 'nan deigb air seacharan, agus gun tuiteadh iad an
làmhan Fhamhair-gun-dòchas. Uime sin chuir iad suas
carragh ann, agus chuir iad an sgrìobhadh so a leanas
oirre; — " Tha'n rathadchum Daingneach-an-Teagaimh
a' treòrachadh thar a'chas-cheun so, a th' air a choimhid
le Famhair-gun-dòchas, air am beag Rìgh na duthcha
nèamhaidh, agus tha e an geall air luchd-turais naomh
a sgrios." Thug an sgrìobhadh sin sanus do dh'iomadh
neach a thainig 'nan dèigh, agus sheachairm iad an
cunnart ceudna. Air dhaibh so a dheanamh, sheinn
iad mar a leanas :
Chaidh sinn air seacharan, a's thuig
Ciod e bhi 'n gàbhadh cruaidh ;
A's thugadh iadsan thig 'n-ar deigh
Fainear gu'm fan iad uaith;
Mu'n cumair fo na glasan iad
Gu cruaidh fo smachd 's fo leòn
'S nach leig am Famhair mòr iad as s
Gun iuchair bhuadhaich òir.
An sin dh'imich iad ar an aghaidh gus an d'ràinig iad
chum nam beann taitneach, a bhuineas do Thighearna
na beinne sin m'an do labhair sinn roimhe: Dhìrich iad
ri fireach nam beann, a dh' f haicinn nan lios, luibhean,
agus meas, na fion-liosan, agus na tobraichean uisge; far
an d' òl iad, agus an d' ionnlaid siad iad fèin, agus dh'ith
iad gu saor às na fion-liosaibh. A nise bha air mull-
ach nam beann sin buachaillean ag ionaltradh an treud,
agus sheas iad ri taobh na slighe. Chaidh uime sin an
luchd-turais d'an ionnsaidh, a' leigeadh an uchd air
am bata, mar is gnà le daoine sgìth a' dheanamh, 'nuair
a sheasas iad a labhairt ri neach eiie, agus dh' f heòraich
iad diù, Cia leis na beanntaichean taitneach so ? agus
cò dha bhuineas na caoirich a tha 'g ionaltradh orra ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence