Skip to main content

‹‹‹ prev (125) Page 115Page 115

(127) next ››› Page 117Page 117

(126) Page 116 -
1 16 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
'S iad na slèibhtean sin fearrann Emanueil, agus tha
iad an sealladh a' bhaile ; is leis na caoirich cuideachd,
agus leag e sìos a bheatha air an son.
Criosdaidh. An i so an t-slighe chum a' bhaile
nèamhaidh ?
Buachaillean. 'S i dìreach.
Criosdaidh. Cia fad a tha e uainn f hathast ?
Buachaillean. Tuilleadh 's fad- ach dhaibh-san a
gheibh dol a steach.
Criosdaidh. Co dhiù tha 'n t-slighe tearainte no
ounnartach ?
Buachaillean. Tearainte dhaibhsan do'm beil i
tearainte, ach tuitidh luchd mi-ghniomh innte. Hos.
xiv. 19.
Criosdaidh. Am beil goireas sam bith' san àite so a
gheibh luchd-turais 'a tha fann agus sgìth.
Buachaillean. Thug Tighearna nam beann sin àithne
theann duinne gu'n dearmad a dheanamh air aoidheachd
a thoirt do choigrich. Eabh. xiii. 1, 2.
Chunnaic mi fòs am bhruadar, 'r.uair a mhothaich
na buachaillean gur luchd-turais a bh'annta, gu'n do
chuir iad mar an ceudna ceistean orra-san, air an tug
iad freagradh mar tha, Cia as a thàinig sibh? Cionnas
a dh'amais sibh air an t-slighe? agus cionnas a bhuan-
aich sibh innte ? Oir 's tearc iadsan a theannas air an
turas a thig an f had so. Ach 'nuair a chuala na buach-
aillean am freagradh, thaitinn iad riu, agus dh'amhairc
iad gu ro-chaomh orra, agus thuirt iad riu, "Se 'ur beatha
chum nam beann taitneach so.
B'e ainm nam buachaillean sin Eòlas, Fiosrach, FaiciH-
each, agus Treibh-dhireach, agus threòraich iad air
làimh iad g'am bùthaibh agus phàirtich iad riu cuibh-
rionn do na bh'aca deas. Thuirt iad osbarr riu, gu'm
bu deòin leo iad a' dh'fhuireach maille riusan gus
am biodh iad eòlach umpa, agus gu'm faigheadh iad de
nithibh matha nam beann taitneach, na bheireadh sòlas
agus beothachadh dhaibh an deigh an turais. Thuirt
iad an sin riu gu'n robh iad toileach fuireach ; agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence