Skip to main content

‹‹‹ prev (123) Page 113Page 113

(125) next ››› Page 115Page 115

(124) Page 114 -
114 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
oirbhse : thugaibh gu grad 'ur garaidh oirbh a rithist,"
agus leis a sin a ràdh, sgiùrs e roimhe iad. Bha iad
mar sin rè an là di-sathairn' ann an cor muladach mar
bu ghnà leo. Ach 'nuair a thàinig an òidhche, bha
An-earbsa agus am Famhair 'nan laidh, thoisich iad ri
labhairt mu na prìosanaich : agus bha ioghnadh air an
Fhamhair nach b' urrainn da aon chuid le buillean no
le chomhairle cuir às daibh. Agus fhreagair a bhean
e, gu'n robh eagal oirre gu'n robh sùil aca ri cuideigin
a theachd ga'm fuasgladh, no gu'm beil iuchraichean
meallta acaleis am fosgail iad na glasan, agus gu'n teich
iad. An saoil thu, ars' e-san gu'm beil a chùis mar sin ?
Rannsaichidh mise sa' mhadainn iad.
Mu mheadhon òidhche di-sathairne, thòisich iad ri ùr-
naigh a chur suas, agus bhuanaich iad innte gu brist-
eadh na maidne.
Ach tamull beag roimh latha mhosgail Criosdaidh
suas mar neach a dhùisgeadh as a shuain, agus thuirt e,
" Nach b'amaideach mise a' dh'f huirich mar so cho fada
am laidhe ann an toll-dubh breun, an uair a dh'
f haotainn bhi aig comas mo choise ? Tha iuchair agam
ann am bhroilleach d'an goirear Gealladh, a dh' f hosglas,
tha mi glè chinnteach, aon ghlas a tha 'n Daingneach-
an-Teagaimh." An sinn thuirt Ciatach, 's math an
sgeula sin, a dheagh bhràthair thoir às do bhroilleach i,
agus feuch ris." An sin thug Criosdaidh às a bhroill-
each i, agus thòisich e ri glas a' phrìosain f hosgladh,
agus air a cheud char leum an stapall o'n ursainn, agus
dh'fhosgail an dorus gu farsuinn fial ; agus thainig iad
le chèile a mach. Chaidh e'n sin chum an doruis a
b'fhaide muigh, agus dh' f hosgail an iuchair e mar an
ceudna, ach bha 'n dorus trom, oir b'iarunn e, agus an
àm f hosgladh rinn e dìosgan air a chùl-cheanglaichean,
a thug sanus do'n Fhamhair, a ghrad dh' eirich gu im-
eachd air tòir nam prìosanach, ach mhothaich e a laig-
sinn a' teachd air, agus cha robh e comasach air dol
'nan de'igh. An sin ghabh iadsan air an aghaidh, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence