Skip to main content

‹‹‹ prev (114) Page 104Page 104

(116) next ››› Page 106Page 106

(115) Page 105 -
TURAS a' chriosdaidh. 105
eadh e ciod a bh'ann ; agus an uair a chuir e na facail an
taice a chèile, rinn e mach gur e bh'ann. " Cùimhnich
Bean Lot." Agus leugh e ga cho-f hear-turais e : agus
thug iad t ainear gur e bh'ann a' charragh shallainn chum
an d'atharraicheadh bean Lot, a chionn i dh'amharc 'na
deigh )e cridhe sanntach, 'nuair a bha i teicheadh o
Shodom chum bhi tearuinte. Thug-an sealladh iong-
antach so aobhar dhaibh labhairt mar so. Gen. xix. 26".
Criosdaidh. Och a bhràthair ! Is sealladh feumail
so: is freagarrach a chuireadh oirnn e an deigh an
fhurain a bh'aig Demas oirnn gu teachd a chum a
Chnocain-tharbhaich ; agus na'n rachamaid ann, mar
dh'iarr e-san, agus a bha thusa deònach, bu cheart-
bhreitheach gu'm bitheamaid air cho'-dhìol ris a' mhnaoi
so,chum a bhi 'n-ar ball-amhaircacasan a thigeadh'n-ar
dèigh.
Ciatach. fs duilich leam gu'n robh mi cho amaideach,
agus tha ìoghnadh orm nach do thachair dhomh mar
dh'èirich do bhean Lot ; oir ciod an t-eadar-dheal-
achadh a bh' eadar ise agus mise ? Cha d'rinn ise ach
amharc 'na dèigh, agus bha mise toileach dol a
dh'f haicinn 5 gu'n robh gràs air a chliùthachadh, agus
nàir' ormsa, a chionn gun do smuainich mi air ann am
chridhe.
?rìosdaiàh. Grabhamaid beachd air na tha sinn a'
faicinn an so chum ar buannachd san àm ri teachd.
Chaidh a' bhean so às saor o aon bhreitheanas, oir cha
do thuit i ann an lèir-sgrios Shòdoim; gidheadh chaidh
a milleadh air sheòl eile ; mar tha sinn a' faicinn, gu'n
dh'f hàs i 'na carraigh shalainn.
Ciatach. Tha sin fior ; agus 's còir dh'i sinne chur
air ar faicill, chum gun seachainn sinn a cionta mu'n
tig a leithid do bhreitheanas oirnn. 'S amhail a rinn-
eadh air Corah, Datan, agus Abiram, maille ris an dà
cheud agus an leth-cheud fear a chaidh a sgrios 'nam
peacannan, 'nan comharradh agus nam ball-sàmpuill
chum daoin' a chur air am-faicill. (Aireamh. xxvi. 9,
10.) Ach tha aon ni acur ioghnadh orm, agus 'se so e,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence