Skip to main content

‹‹‹ prev (113) Page 103Page 103

(115) next ››› Page 105Page 105

(114) Page 104 -
104 TURAS a' chriosdaidh.
bhreitheanaibh au Rìgh, a chionn gu'n deach thu fèm
a thaobh, (2 Tim. iv. 10,) agus c'air son a dh'iarras tu
sinne a tbarrainn do'n dìteadh ceudna ? A bharr air
sin, ma thèid sinn idir as an t-slighe cluinnidh ar Tigh-
earn an Rìgh uime, agus cuiridh e gu nàire sinn, far
am faodamaid seasamh le dànachd 'na fhianais.
Ghlaodh Demas a rithist, Gu'm b'ann d'an comunn
fè"in e-san; agus 'nàn deanadh iad stad beag, gu'm
falbhadh e maille riu,
Criosdaidh. Ciod is àinm dhut ? Nach e t' ainm a
ghlaodh mi riut ?
Demas. 'S e, Demas is ainm dhomh. Is mac do
dh' Abraham mi.
Criosdaidh. 'S aithne dhomh thu ; b'e Gehasi do
seanair, agus Iudas t-athair, agus gbluais thu 'nan cas-
cheumaibh ; is olc an cleas a tha thu deanamh, chaidh
t'athair a chrochadh a chnonn e bhi. 'na bhrathadair,
agus tha thu fè*in a' toilltinn a' pheanais ceudna. Bi
cinnteach 'nuair a thig sinne dh'ionnsaidh an Rìgh,
gu'n innis sinn da mu d'ghnàthachadh. Le so a ràdh
dh' imich iad rompa. 2 Righ. v. 20. Mat. xxvii. 14,
15; agus xxvii. 1 — 6.
Mun àm so, thainig Gabhannach agus a chòmpanaich
san t-sealladh, agus chaidh iad far an robh Demas air
a cheud smèideag. Ach co dhiù a thuit iad 'san t-sloc le
bhi sealltainn thar a bruach, no chaidh iad sìos a
chladhach, nochuir mi-f hallaineachd an fhàilidh a bha'n
ìochdar an t-sluic as daibh ; cha b' urrainn domh a
thuigsinn ach cha'n fhacas tuilleadh iad air an t-slighe.
Chunnaic mi gu'n tàinig na h-eilthirich gu taobh
thall a'chòmhnaird, far an robh seana chàrn-cuimhne'na
sheasamh làimh ris an t-slighe, agus bha ìoghnadh orra
r'a choltas; oir air leo gu'n robh e coltach ri boireann-
acn air a cruth-atharrachadh gu dealbh carraigh; sheas
iad a' beachdachadh air re" ùine mhòr, ach cha robh iad a'
tuiffsinn cid a bh'ann. Ach fa-dheòigh thug Ciatach
an aìre do sgrìobhadh a bh'air a cheann, ann an sgrìobh-
aan deacair r'a leughadh ; ach do bhrigh nach robh e air
fhognium, ghairm e Criosdaidh, a dh'fhaicinn an tuig-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence