Skip to main content

‹‹‹ prev (115) Page 105Page 105

(117) next ››› Page 107Page 107

(116) Page 106 -
106 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
cionnas is urrainn Demas agus a chòmpanaich seasamta
an sudcho muinghinneach a dh'iarraidh an ionmhaisud,
atx son an d'rinneadh a' bhean so 'na carraigh shalainn
gred nach d'rinn i ach amharc na dèigh, gun dol aon
theumas an t-slighe ; gu h-àraidh o'n a chuir am breith-
eanas a thainig oirre-sa, suas i mar chomharradh 'nam
l'radharc far am beil iad; oir n'an togadh iad an sùilean
cha b' urrainn dhaibh gun a faicinn.
Criosdaidh. Is cùis iongantais e da rìreadh, agus tha
e a leigeadh ris gu'm beil an cridheachan air cruadhach-
adh san olc : agus cha'n urrainn domh an coimeas ri
aon ni is coltaiche riusan a ghoideas ann an làthair a'
bhreitheimh, no a nì mèirle aig bun na croiche. Tha
e air a ràdh mu mhuinntir Shodoim gu'nrobh iad 'nam
peacaich, ro mhòr, (Gein. xiii. 13,) a chionn gu'n do
pheacaich iad am fianais an Tighearn, a dh'aindeoin
gach caoimhneas a rinn e dhaibh ; oir bha fearann
Shodoim mar ghàradh Edein roimhe so, (rann. 10.)
Bhrosnaich so e ni bu mhò gu eud, agns rinn e an cràdh
cho dian 'sa dh' f haodadh teine teas-chorraich an Tigh-
earn o nèamh a dheanamh. Agus faodair a bharalach-
adh gun tig na breitheanais is cràitich' orrasan, a pheac-
aicheas am fianais eiseamplair cho soilleir 's a th' acasan :
Ciatach. 'S cinnteach gu'n dubhairt thu'n f hìrinn ;
ach nach tròcaireach an gnothach nach eil thusa, ach
gu h-àraidh mise, air mo chuir suas san àite so mar
chùimhneachan ! Tha so 'na aobhar buidheachas
dhuinne do Dhia, agus bu chuibhidh dhuinn eagal, a
bhi oirnn roimhe, agus bean Lot a chumail do ghnà
'n-ar cùimhne.
Chunnaic mi an sin gu'n d'imich iad air an turas
gus an d'ràinig iad abhainn ro thaitneach, ris a'm beil
rìgh Daibhidh ag ràdh abhainn Dè, (Salm lxv. 9.) ach
ris am beil Eoin ag ràdh abhainn uisge na beatha.
Bha'n rathad a nis' ri fior thaobh an uisge so. Dh'
imich iad araon san t-slighe so le mòr thaitneas : dh' òl
iad as an abhainn, bha i blasda, agus thug i beothach-
adh mòr dhaibh, oir bha iad gu fann sgìth : agus a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence