Skip to main content

‹‹‹ prev (108) Page 98Page 98

(110) next ››› Page 100Page 100

(109) Page 99 -
TURAS a' chriosdaidh. 99
Gabhannach. Mo bhràithrean tha sinn uile' triall air
ar turas ; 's a chum droch nithe a chumail as ar car-
amh, ceadaichibh dhomh a' cheist so a chur :
Abraibh, ged a bhitheadh aig duine, ministear, no
fear-ceairde, &c, cothrom air a chor a leasachadh, chum
nithe matha na beatha so f haotainn, ach nach comas-
ach dha ruigheachd air, gun a bhi, ge nach bi e ach air
sgàth sgeimh, anabharrach eudmhor agus cràbhach, mu
phongan creideimh nach do mhìnicheadh roimhe ;
nach faod e na meadhonan sin a ghnàthachadh chum
ruigheachd air na th' aige san amharc, agus air a shon
sin a bhi 'na dhuine ceart agus ionraic ?
Gaol-an-airgeid. Is \è\v dhomh ceann thall do
cheiste ; agus le cead nan daoin' uaisle so bheir mi
ionnsaidh air a freagairt.
Agus air tics, Chum labhairt mu'n chùis, direach
mar f hreagradh e do mhinistear fèìn : Abair gu'm beil
e 'na dhuine còir, nach eil a bheathachadh ach beag,
agus gu'm beil beathachadh gu mòr ni's fear aige san
amharc : tha cothrom aig a nis' air f haotainn, ach mu'm
faigh se e, 's eigin da a bhi ni's saoithreachail air f&n'
searmonachadh ni's tric' agus ni's dùrachdaiche ; agus,
chum a luchd-èisdeachda thoileachadh, 'sfeumaildà rud-
aigin de dh-atharrachadh a' dheanamh 'na chreideamh s
Air mo shon fèin, cha lèir dhomh nach faod duine so a
dheanamh, ma bhios e 'na thairgse, seadh agus tuille-
adh 's so, agus gidheadh a bhi 'na dhuine ceart cuid-
eachd. C'ar son ?
Anns a' cheud àite. Gu'm beil a dhèigh air a
bheathachadh sin laghail, o'n a chuir am freasdal 'na
thairgs' e ; uime sin faodaidh e f haòtainn mas urrainn
da, gun e bhi 'n aghaidh a chogais.
Anns an dara h-àite, Osbarr, tha 'thoil do'n bheath-
achadh sin ga dheanamh na shearmonaiche saoithreach-
ail, agus ni's dùrachdaiche, &c. agus leis a sin tha e ga
dheanamh 'na dhuine ni's fearr, a' meudachadh eòlais,
ni a tha taitneach le Dia.
Anns an treas àite, Tha e gèilleadh do thoil a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence