Skip to main content

‹‹‹ prev (107) Page 97Page 97

(109) next ››› Page 99Page 99

(108) Page 98 -
98 turas a' chriosdaidh.
m 'oighreachd a dheanamh cinnteach. Tha iadsan deo=
nach am barailean fèin a chumail ged a bhiodh gach
neach eile 'nan aghaidh ; ach tha mis' air son diadhachd
cho fad sa' cheadaicheas na h-anmannan agus mo thear-
uinnteachd ftiin dhomh. Tha iadsan air son diadhachd
'nuair bhitheas i fo mhi-mheas, ach 's ann a tha mis'
air a son an àm buannachd, ann an soirbheachadh,
agus an àm measail.
Cùram-an-t-saoghail. Fuirich thusa san aidmheil
sin, a Gabhannaich : air mo shon fèin deth, cha mheas
mi ach mar amadan fear a dh'f haodas a chuid a ghleidh-
eadh, agus nach dean e. Bitheamaid glic mar nath-
raichean. Is feumail am feur a'sgaoladh feadh sa' tha
'ghrian a' deàlradh. Chì sibh mar dh'f hanas an seillean
fo dhìon fad a' gheamhraidh, agus cha ghluais e gus an
tig an t-àm sam bi buannachd agus toil-inntinn aige.
Tha Dia air uairean a' cnr uisg' ann, agus air uairean
eile a' cur tiormachd agus deàlradh na grèin' ann : Ma
bhios iadsan 'nan amadain cho mòr 's gu'n imich iad ri
doireann, thèid sinne mhàin air ar n-aghaidh ri deagh
shìde. Àir mo shon fè"in deth, 's e'n creideamh is ànn-
sa leam, a bhuannaicheas nithe matha Dhè dhuinn.
Oir cò a dh'fhaodas a smuaineachadh, ma tha e air a
stiùireadh le reusan, o'n a bhuilich Dia nithe mathana
beatha so oirnn, nach bu ghean-math leis gu'n gleidh-
eamaid iad air a sgàth-san : Dh'fhàs Abraham agus So-
lamh saoibhir ann an diadhachd : agus tha Iob ag ràdh
gun taisg duine math suas òr mar dhuslach. Ach
cha'n fhaod e' bhi mar tha na daoine so romhainn,
ma tha iad mar tha thus' ag ràdh.
Glèidh- gu-buileach. Tha mi tuigsinn gu'm beil sinn
uile san aon bheachd mu'n chùis so, agus cha 'n ion
duibh tuilleadh a ràdh mu timchioll.
Gaol-an-airgeid. Ch n-eil feum tuilleadh a ràdh
umpa gun teagamh : oir an neach nach creid aon chuid
facal Dè no a reusan fe*m ; agus tha iad le chèite again-
ne, cha n-aithne dha a shaorsa fèin, cha mhò a tha e
g' iarraidh a thearuinteachd fèin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence