Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 96Page 96

(108) next ››› Page 98Page 98

(107) Page 97 -
TURAS A' CHRIOSDAFDH. 97
Gleidh-gu-buileach ; daoine a b'aithne do Ghabhannach
roimhe ; oir ann an aois an òige bha iad 'san aon sgoil,
agus se Gramaich-ris ann an Gaol-air-buannachd bu
mhaighstir sgoile dhaibh, ann am baile margaidh san
Tìr-shanntaich. Theagaisg am maighstear-sgoile so
dhaibh andòigh air ni fhaotainn le foirneart, le meall-
adh, le miodal, le breugan, no fo sgàile creideimh ;
agus dh' fhòghlum e a cheathrar dhaoine sin cho iora-
lan 's gu'm faodadh gach fear dhiu e-fèin a bhi 'na
mhaighstear-sgoil' air an teagasg ceudna.
Agus mar thuirt mi, 'nuair a chuir iad fàilt' air a'
chè'ile, thuirt Gaol-air-airgead ri Gabhannach, cò iad
na daoine sin a tha romhainn ? oir bha Criosdaidh agus
Ciatach fhathast 'nan sealladh.
Gabhannach. Is dithis o thìr chèin a th'ann, do rèir
an doigh fèin, ag imeachd air eilthireachd.
Gaol-an-airgeid. Mo thruaighe ! c'ar son nach
d'fhuirich iad gus am bitheamaid 'nan deagh-cuid-
eachd-san ! oir tha sinn uile, tha dòchas agam, air an
aon ghnothach ?
Gabhannach Tha sinn gu'n amharas ; ach tha na
fir so romhainn cho geur-theann, agus cho fada 'nam
beachd fèin, agus cho neo-mheasail mu bharail chàich,
air chor 's dhaindeon cho dhiadhaidh 's ga'm bi duine,
mar gabh e leo-san anns gach ni, cuiridh iad as an
cuideachd e.
Gleidh-gu-buileach. Is olc sin ; ach tha sinn a'
leughadh mu chuid a tha tuilleadh 's diadhaidh, agus
tha geur-chruas nan daoine sin, a'toirt orra gach neach
nach bi mar tha iad fèin, a dhìteadh. Ach guidheam
ort innis duinn cia lion, agus ciod iad na nithe mu'n
tainig eadaraibh ?
Gabhannach. Air leo-san, a rè*ir am barail cneatm-
laidir fèin, gur e 'n dleasnas iraeachd air an turas ge
b'e sìde bhitheas ann, agus bha mise deònach fuireach
gus am biodh sruth agus gaoth leam. Tha iadsan a
cur gach ni an cunnart air son Dhè air ball, tha mise
toileach gach fàth a ghabhail chum mo bheatha agus
K

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence