Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Page 95Page 95

(107) next ››› Page 97Page 97

(106) Page 96 -
96 TURAS A CHRIOSDAIDH.
nan amannan a bhiodh ann, ciod sam bith iad, agus bha
sin 'na bhuannachd dhomh ; ach ma thilgeas iad nithe
mar sin orm, is còir dhomh am meas 'nam beannachadh ;
ach na cuireadh am mi-runach sgaineil as mo leth.
Criosdaidh. Bha mi gun amharas ann am barail
gu'm bu tus' am fear a chuala mi uime, agus tha mi a'
smuainteach gu'm beil an t-ainm so ni's freagarraiche
dhut na 's math leat a nochdadh dhuinne.
Gabhannac.h. Ma bhitheas sibhse sa' bbarail sin, cha
n-eil atharrach agams air : Tuigidh sibh gu'm bi mi
am dheagh chòmpanach, ma ghabhas sibh a staigh 'n-ar
cuideachd mi.
Criosdaidh. Ma thèid thu maille ruinne, 's èigin dut
dol an aghaidh sruth agus soirbheis, ni a tha mi tuig-
sinn a tha 'n aghaidh do thoile. 'S eigin dut mar an
ceudna diadhachd aideachadh fo dhìmeas cho math ris
an uair sa'm buadhair' i : agus gabhail Je an gèimhlibh,
cho math 's an uair a bhitheas i gu h-uallach, follaiseach,
a' falbh na sràide.
Gabhannach. Cha'n fhaod sibh an cothrom a ghabhail
o/m, no mo chreideamh a chuibhreachadh ; f àgaibh
gu'nc thoil fdin mi, agus ceadaichibh dhomh imeachd
maille ribh.
C'r.osdaidh. Cha t£id thu aon cheum ni's faide, mar
dean thu mar ni sinne.
An sin thuirt Gabbannach, cha tre*ig mi am feasd mo
sheana chleachdannan, o'n a tha iad neò-lochdach agus
tarbhach. Mar faod mi imeachd leibhse, f'eumaidh
mi deanamh mar rinn mi mu'n do thachair mi oirbh,
falbh 'n-am aonar, gus an tachair cuideigin rium,leis an
taitneach mochuideachd.
An sin chunnaic mi am aisling gu'n do thrè"ig Criosd-
aidh agus Ciatach e, agus gu'n d'fhuirich iad uaithe :
ach sùil ga'n tug fear dhiù 'na dheigh, chunnaic, e
triùir dhaoine leantainn Ghabhannaich : agus 'nuair a
thainig iad suas ris, rinn e ùmhlachd dhaibh ; agus
chuir iadsan fàilt air-san cuideachd. B'e ainm nan
daoine, Cùram-an-t-saoghail, Gaol-air-airgead, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence