Skip to main content

‹‹‹ prev (104) Page 94Page 94

(106) next ››› Page 96Page 96

(105) Page 95 -
TURAS a' chriosdaidh. 95
uasal tàbhachdach, ge nach robh mo shean-air ach
'na phortair, a' sealltainn aon rathad agus ag iomradh
rathad eile, agus f huair mi fem a' chuid is mò de m'
mhaoin ris a' chèird cheudna,
Criosdaidh. Am beil thu pòsda ?
Gabhannach.Tha mi, agus tha mo bhean 'na boireann-
ach deagh-bheusach, nighean mnà còire : 's i nighean
Baintighearn-cuir-am-fiachan i : air an aobhar sin
thainig i o theaghlach urramach, agus tha i cho modh-
ail shuairce 's gur aithne dh'i i-fem a ghiùlan an cuid-
eachd rìgh, no idir diol-dèirce. Tha sinn ag eadar-
dhealachadhbeagan'n-ar creideamh o'n mhuinntir is ro-
thinne, gu h-àraidh ann an dà ni bheag. 'Se cheud ni, •
Nach cuir sinn idir an ag-haidh sruth agus soirbheis.
An dara ni, 'S ann is ro eudmhoire sinne 'nuair a
shoirbhichear gu math le'r creideamh : 's toigh leinn a
chleachdadh ma shoillsicheas a' ghrian air, agus gu'm
mol am mòr-shluagh e.
An sin chaidh Criosdaidh a leth-taobh far an robh
Ciatach, agus thuirt e ris, tha mi smuaineachadh gur
e so Gabhannach o bhaile Cainnt-bhlasda : agus m'as e
so e, th' againn 'n-ar cuideachd is e cealgair cho mòr 's a
tha san dùthaich. Thuirt Ciatach ris, fiosraich ainn?
dheth ; saoilidh mi nach còir dha nàir a ghabhail a
ainm. Le so a ràdh chaidh Criosdaidh d'a ionnsaidh a
rithist, agus thuirt e ris, Tha thu labhairt mar gu'm
b'aithne dhut tuilleadh no 's aithne do'n t'saoghal uile ;
agus m'as math m' aithne, tha mi meas gur tu Gabhann-
ach o bhaile Cainnt-bhlasda.
Gabhannach. Cha 'n e sin m' ainm : ach thog cuid do
dhaoine nach b'urrainn m'fhulang orm mar leth-ainm
e, agus 's eigin domh giùlan leis mar sgaineil, mar
ghiùlain daoine matha eile romham le 'n sgaineil fèin.
Criosdaidh. Ach an tug thu riamh aobhar do dhaoine
an t-ainm sin a ràdh ruit ?
Gabhannach. Cha tug riamh ! 'S e 'n ni is mò a
rinn mi riamh a thoilltinn an ainm, gu'n robh mi do
ghnà cho sona 's gu'm biodh mo bharail a rèir gnà

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence