Skip to main content

‹‹‹ prev (103) Page 93Page 93

(105) next ››› Page 95Page 95

(104) Page 94 -
S)4 TDRAS A' CHRIOSDAIDII.
Ciatach, a thug fainear giùlan Chriosdaidh agtis
Dhìleis mar dh' fhuilig iad air an fheill, a dh'f halbh
leis, agus a dh' inndrinn ann an cùmhnant bràithreil
ris gu'm biodh e 'na chòmpanach dha. Mar so bhàs-
saich fear 'na f hianais air an f hirinn, agus dh' è"irich
fear eile suas 'na àite gu bhi 'na cho'-fhear turais aig
Criosdaidh. Dh'innis Ciatach do Chriosdaidh gu'n
robli ioma fear eil' a bh'air a mhargadh a thigeadh ri
ùine 'nan deigh.
Agus chunnaic mi cho luath 's a dh'fhàg iad an
f hèill, gu'n 'tainig iad suas ri fear, a bh'air thoiseach
orra,d'am b'ainm,Gabhannach; agus thuirt iad ris, Co's
dùthaich dhut, a dhuine, agus c'àìt' a ruigeas tu mar so ?
Thuirt e riu gu'n tainig e o bhaile Cainnt-bhlasda, agus
gu'n robh e dol chum a' bhaile nèamhaidh ; ach cha
d'innis e ainm.
O Chainnt-bhlasda, arsa Criosdaidh ; am beil aon
mhath san àite sin ? Gnàth. xxvi. 25.
Gabhannach. Tha dòchas agam gum beil, ars' e-san.
Criosdaidh. An cead leat t-ainm innse dhomh ?
Gabhannach. Is coigreach dhutsa mi, agus tha thusa
mar sin domhsa : ma ghabhassibh an rathad so, bithidh
mi deònach a bhi 'n-ar cuideachd ; ach mur gabh, cha
bhi comas air.
Criosdaidh. Chuala mi iomradh air baile Cainnt-
bhlasda, arsa Criosdaidh, agus m'as math mo chùimhne
gu'n dubhairt iad gu'm b'àite saibhir e.
Gabhannach. 'S e sin a th'ann ; agus tha ioma caraid
saibhir agam sa'n àite.
Criosdaidh. Mar mì-mhodhail ri fheòraich e, cò iad
do chàirdean sa'n àite sin.
Gabhannach. Cha mhòr nach buin na tha sa' bhaile
dbomh; gu h-araidh, Morair-cuir-mu'n-cuairt, Mor-
air a-rèir-anma, Morair-cainnt-bhlasda, (o'n tainig
ainm a' bhaile,) Fear-ciùin, Fear-bior-shuileach, Fear-
a-bhi-deònach, agus tba ministear na sgìreachd, Fear-
leam-leat, 'na bhràthair-màthar dhomh ; agus a'
heanamh na fìrinn dutsa, tha mi f^in a'm' dhuin'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence