Skip to main content

‹‹‹ prev (102) Page 92Page 92

(104) next ››› Page 94Page 94

(103) Page 93 -
TURAS a' chriosdaidh. 93
faicill, oir bu bheag air mo ghnàthachadh. Crochar
e, arsa Ceann-laidir. Cha'n fhiù e, arsa Ardan. Tha
fuath mòr agam dha, arsa Nàimhdeil. Cha 'n "eil ann
ach slaoightear, arsa Breugaire. Tha chrochadh tuille
's math dha, ars' An-iochdmhor. Cuireamaid as an
rathad e, arsa Fuath-dosholus. An sin thuirt Do-
rèiteach, ged a gheibhinn an cruinne mu'n iadh grian,
cha b' urrainn domh rè"it' a dheanamh ris ; uime sin
thugamaid a staigh ciontach e. Agus rinn iad mar sin ;
uime sin dh'òrduich iad a thoirt chum an àit' as an
tainig e, agus an sin a chuir gu bàs air an dòigh bu
chràitich' a b' urrainn daibh a smuaineachadh.
Uime sin thug iad a mach e, chum a chur gu bàs ;
agus sgrùis' iad an toiseach e : an sin bhuail iad e; lot
iad an sin e le sgeanan ; chlach iad e an deigh sin,
agus lot iad e le'n claidheannan : agus ma dheireadh
loisg iad e gu luaithre.
A nise chunnaic mi gu'n robh air cùlthaobh a mhòr-
shluaigh, carbad agus càraid each a' feitheamh gu
Dìleas athabhairt leo, eho luath 'sa chuireadh a nàimh-
dean gu bàs e, agus chaidh a thogail suas troimh na
neoil le fuaim trompaid' do nèamh. Ach chaidh dàil a
chuir ann am peanas a dheanamh air Criosdaidh, agus
òrduchadh air ais do'n ghainntir, far an do bhuanaich
e rè seal, ach thug an Tì-sin a tha riaghladh gach aon
ni air an corraich fàs beagan ni bu chiùine, agus thar
Criosdaidh uapa, agus dh'imich e air a thuras. Agus
am feadh a bha e air an astar sheinn e : —
O ! Dhileis àigh, is firinneach
A chum thu t'aidmheil suas,
Do Dhia, nan gràs; is uimesin
Bith nèamh dhut mar do dhuais.
An uaìr bhios sluagh neo-dhìleas
A' caoidh an dòlais eruaidh ;
Oir ged air leo a. mharbh iad thu,
'S ro àrd air nèamh do bhuaidh.
A nis' chunnaic mi ann am aisling, nach d'fhalbh
Criosdaidh 'na aonar ; oir bha fear do'm b' ainm

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence