Skip to main content

‹‹‹ prev (101) Page 91Page 91

(103) next ››› Page 93Page 93

(102) Page 92 -
92 TURAS a' chriosdaidh.
shaoradh : ach 's iomchaidh dhomhsa reachd na tìre a
shoilleireachadh dhuibh. Chaidh òrduchadh an laithibh
Pharaoih, òglach ar n-uachdarain-ne, air eagal gu'm
fàsadh iadsan aig an robh caochla aidmheil ris fè"in,
tuille 's lionmhor air son muinntir na tìre, gun rachadh
an clann òg mhaca thilgeadh san abhainn. Chaidhmar
an ceudna, ann an laithibh Nebuchadneseir, fear eile
d'a sheirbhisich, òrduchadh, Gun rachadh gach neach
nach sleuchdadh sìos agus nach deanadh aoradh da
ìomhaigh òir, a thilgeadh anns an àmhuinn theinntich.
Chaidh a thuilleadh air sin òrduchadh ann an laithibh
Dhariuis, Ge b'e fear a chuireadh suas achanaich ri
dia sam bith ach ris fè"in, rè tamuill, gun rachadh a
thilgeadh do gharaidh nan leòghan. A nise thasibha"
faicinn gu'n do bhrist an ceannairceach so sùim an lagha
sin, cha'n ann a mhàin ann an smuain, ach mar an
ceudna an cainntanyniomharra,ninach faodar fhulang.
Escod. i. Daniel iii. iv.
A thaobh Pharaoh, bha a reachd-san air a dheanamh
chum olc a sheachnadh, a bha eagal air a dh'fhaodadh
èiridh dhaibh, ge nach robh coire ri f haicinn san àm ;
ach againne tha choire soilleir. A thaobh an dara agus
an treas cùis, tha sibh a' faicinn gu'm beil e cuir an
aghaidh ar creideimh-ne ; agus air son àr-amach an
aghaidh ar n-uachdarain, a dh'aidich e-fèin, tha e toill-
tinn a chuir gu bàs.
An sin chaidh an luchd-breth a chur a mach, d'am
h'ainm Dall-cheann, Beag-math, Mì-run, Leannanach,
Cion-faicill, Ceann-laidir, Ardan, Naimhdeil, Breug-
aire, An-iochdmhor, Fuath-do-sholus, agus Do-rèit-
each: a thug gu h-aon-sgeulach am breth 'naaghaidh
eatorra fe'in, agus shònraich iad uile gum fàgadh iad
ciontach e am fianais an ard-bhreitheimh. Thuirt Dall-
cheann fear-riaghlaidh an luchd-brethe, tha mi faicinn
gu soilleir gur saobh-chreideach an duine so, thuirt Beag-
math, cuiribh as da, cuiridh arsa Mi-run, oir 's beag
orm amharc air. An sin thuirt Leannauach, cha bu
toigh leam riamh e. Thachair e domh, arsa Cion-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence