Skip to main content

‹‹‹ prev (100) Page 90Page 90

(102) next ››› Page 92Page 92

(101) Page 91 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 91
bhrathadair, an cuala tu na nithe mu'n do thog na
daoin' uaisle measail ud fianais a' t' aghaidh ?"
Dìleas. An cead leat comas a thoirt dhomh beagan
a labhairt 'nam fhàbhar fe*in.
Breitheamh. A dhaormuinn leibidich, cha 'n aithrigh
thu air bhi beò ni's faide, ach cuir às dut far am beil
thu ; ach a chum gu'm faic gach neach ar suairceas
do d' thaobh, leig leinn a chluinntinn na th' agad ri
ràdh.
Dìleas. Anns a' cheud àite. Mar fhreagradh do na
labhair Fàrmad, Cha dubhairt, mi riamh ach so, Ge
b'e riaghailt, no lagh, no gnà, no sluagh, a bha càlg-
dhìreach an aghaidh facail Dè, gu'n robh iad an agh-
aidh a' chreidimh Criosdail. Ma thuirt mi gu h-olc
sa' chùis so, deanaibh a mach orm e, agus laidhe mi
fodha.
Anns an dara h-àite. Mu thimchioll na thuirt an
dara fianais, Saobh-chràbhadh, a'm' aghaidh, chadubh-
airt mi ach a mhàin so, Gu'n robh ann an aoradh Dh^
creideamh diadhaidh air iarraidh ; ach nach fhaod
creideamh diadhaidh a bhi as eugmhais foillseachadh
diadhaidh mu thoil Dè : Uime sin ge b'e ni a tha air
fhoirneadh ann an aoradh Dhè, nach eil a rèir an
taisbeanaidh dhiadhaidh, 's eigin gur ann le creideamh
dhaoin' a tha e ; agus cha bhi an creideamh sin tarbhach
chum na iteatha maireanaich.
Anns an treas àite. Agus air son na thuirt Doichioll,
tha mi ag ràdh gu'm beil uachdaran a' bhaile so, agus
a luchd-tìrithealaidh gu mòr ni's iomchaidh air bhi ann
an ifrinn no bhi aon chuid sa' bhaile so no san tìr :
Agus gun deònaicheadh Dia dhomh tròcair.
Thuirt am breitheamh ris an luchd-brethe, a
chuala gach ni a chaidh a ràdh, A dhaoin' uaisle, tha
sibh a' faicinn an duine so a thog na h-urrad bhuaireis
sa' bhaile so : Chuala sibh mar an ceudna mar thog na
daoine sin fianais 'na aghaidh : chuaia sibh cuideachd
na labhair e-fe'in agus an aidmheil a rinn e. 'S ann
agaibhs' a nis' a tba e r'a dheanamh, a chrochadh, no a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence