Skip to main content

‹‹‹ prev (109) Page 99Page 99

(111) next ››› Page 101Page 101

(110) Page 100 -
JOO TURAS A' CHRIOSDAIDH.
shluaigh ann an cuid de phonganan creideimh a thre*ig-
sinn, a'nochdadh, 1. Gu'm beil e na ghnè comasach air
fè"in-aicheadh. 2. Gu'm beil e na gniùlan gu h-aoidheil
grinn : 3. Agus leis a sin. ni's Ìor iomchaidh air
dreuchd fir-teagaisg.
Anns a' cheathramh àite, fha mi uime sin a' meas
nach bu chòir pears-eagiais, a dh'f hàgadh beathachadh
air son aon a b'fhearr, a mheas sanntach, ach, ie sin a'
dheanamh gu'n d' fhàs e fèm ni b'f hearr agus ni bu
dìcheallaiche, s' gur ann a tha e gabhail a chothrom a
f huair e chum math a' dheanamh.
Agus mu thimchioll an f hir-chèirde mu'n do labhair
thu : Abair nach eil e faighinn ach beag r'a dheanamh,
ach le e dh'f hàs diadhaidh, tha e 'na chomas a cbor a
leasachadh, theagamh le bean bheartach fhaotainn, no
muinntir is inbhiche nithe a thoirt dha ri dhean-
amh ; cha'n f haic mi nach eil so ceadaichte dha a
dheanamh. C'arson ?
Afins a? cheud aite, Gur deagh-bheus duine dh'fhàs
ni's diadhaidh, ciod air bith dòigh air am fàs e ann.
Anns an dara h-àite, Cha mhò tha e mi-laghail
dhomh bean shaoibhir fhaotainn, no idir mo roinn a
mheudachadh.
Anns an treas àite, Os-barr, tha'm fear a gheibh iad
sin le f às diadhaidh, a' faighinn an ni tha math uatha-
san a tha cràbhach, le e fe'in a dh' f hàs math : Leis a
sin, tha 'n so bean shaoibhir, roinn fharsainn, agus
buannachd mhòr air am faotainn le fàs diadhaidh, a
tha 'na ghnothach math. Air an aobhar sin tha fàs
diadhaidh, a dh' fhaotainn gach ni dhiù sin, 'na rùn
math agus tarbhach.
Chliùthaich iad uile mar mhìnich e a' cheist; agus dh'
aidich iad gu'n robh e a reir teagaisg fhallain agus
buannachdail. Agus a chionn, air leo-san, nach b'urr-
ainn aon neach cuir 'na aghaidh, agus nach robh Criosd-
aidh agus Ciatach mar f had glaoidh dhaibh, shònraich
iad gu'n cuireadh iad a' cheist orra, cho luath 's a thig-
eadh iad suas riu ; gu h-araidh a chionn gu'n do chuir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence