Skip to main content

‹‹‹ prev (93) Page 83Page 83

(95) next ››› Page 85Page 85

(94) Page 84 -
84 turas a' chriosdaidh.
a cho-lionar na tha mise 'g ràdh, an sin cùimhnichibh
air 'ur caraid, agus bithibh gu fearail foghainteach, ag
earbsa bhur n-anama ri Dia chum math, mar rì Cruith-
ear dìleas.
An sin chunnaic mi am aisling, 'nuair a thàr iad as
an fhàsach, gu'm fac iad baile rompa, agus be Diomh-
anas ainm a' bhaile; bha fèill air a cumail ann ris an
canair Fèill-an-diomhanais : tha i ga cumail gach là
sa' bhliadhna ; theirear Fèill-an-diomhanais rithe,
chionn gu'm beil am baile anns am beil i air a coimh-
id, ni's eatruime no diomhanas ; agus mar an ceudna
gur diomhanas gach ni a bhios ri reic no r'acheannach
ann. Mar thuirt an duine glic, " Is diomhanas gach
ni." Salm. xl. 17. Ecles. i. ii. 11, 17-
Cha ghnothach ùr idir an f hèill so, ach bha i ann o
shean. Innsidh mi mar thainig i. J\Iu thìmchioll
cùig mìle bliadhnaroimhe so, bha eilthirich air an turas
chum a' bhaile nèamhaidh, mar tha sibhs' a dhaoine
còir' a' dol : agus thug Beelsebub, Apolion, agus Le-
gion, le 'n còmpanaich, an aire leis a cheum a bha na
daoin' a' gabhail, gu'n robh an rathad chum a' bhaile
dìreach troimh bhaile an Diomhanais, shònraich iad
fè"ill a chumail ann far ain biodh gach diomhanas r'a
reic, agus gu'n seasadh i fad na bliadhna; uime sin ai b ^
an f hèill sin bha gach seòrsa bathair r'a reic, eadhon
taighean, fearran, ceirdean, àiteachan, urraim, àrd-
achadh,ainmean urramach, dùthchannan, rìoghachdan,
ana-miannan, sòlais, agus gach gnè thoilinntinn, mar
tha boireannaich neo-bhanaiì, mnathan pòsda, fir, clann,
maighstirean, s&rbhisich, beatha, fuil, cuirp, anmanan,
airgead, òr, neamhnaidean, clachan, rìmheach, agus
mar sin sìos.
Os-barr tha anns gach àm r'am faicinn aig an fhèill
so cleasaichean, luchd-char, cluichean, àbhachdas,
amadanan, agus slaoightearan de gacb seòrsa.
Tha mar an ceudna r'am faicinn an 80, meirle
mort, adhaltras, luchd-eatbaich, agus iad sin uile air
thuar na fala.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence