Skip to main content

‹‹‹ prev (94) Page 84Page 84

(96) next ››› Page 86Page 86

(95) Page 85 -
TURAS A CHRIOSDAIDH. 85
Agus mar a chì sibh air fdillean is lugha seadh, tha
ioma sreath agus sràid le 'n ainmean fa-leth, far ais
beil an leithid sud do bhathar r'a reic Ann an so
tha sràid Bhreatuinn, sràid na Fràinge, sràidna-h-Ead-
aild, sràid na h-Easpailt, agus sràid na Gearmailt, far
am beil bathar gach rìoghachd dhiù sin r'a reic. Ach
mar air fèilltean eile tha aon bhathar sònraichte r'a
reic, 's amhuil a tha 'n so, 's e bathar na Ròimhe agus
a ceannachd is mò miagh air an fhèill so ; ach dh'fhàs
rìoghachd Bhreatuinn agus rìoghachdan eile fuathach
mu'n bhathar sin.
Ach mar thuirt mi, bha 'n t-slighe chum a' bhaile
nèamhaidh dìreach troi'n bhaile san robh 'n f he"ill mhòr
so air a cumail ; agus b' èigin da-san leis bu mhiann
dol do'n bhaile nèamhaidh, agus nach rachadh tro 'n
bhaile so, dol buileach as an t-saoghal. Chaidh Rìgb
nan rìgh fèin, am feadh a bha e air thalamh, tro'n
bhaile so, air a rathad d'a thìr fè*in, agus sin air lafèille,
cuideachd : agus m'as math mo bheachd, thug Beelse-
bub, àrd-fhlath na fèìlle so, cuireadh dha ceannach
dheth fhaoineis, seadh agus gu'n deanadh e triath na
fe"ille dheth nan deanadh e ùmhlachd dha san dol
seachad. Cha 'n e mhàin sin, ach o'n a bha e na neach
cho ìnbheach, thug Beelsebub o shràid gu sràid e, agus
nochd e dha ann an ùine ghearr uile rìoghachdan an
domhain, a chum nam bu chomasach dha an Tì naomha
sin a mhealladh a cheannach cuid d'a dhiomhanais ;
ach cha robh spè*is aige dhiu, gu urrad agus luach aon
fheòrling a cheannach de na faoineisean sin. Uime
sin bha 'n fhèill so air a cumail o' shean, agus is fè'ill
anabarrach mòr i. 1 Cor. v. 10; Mat. vii. 8; Luc.
iv. 5, 6, 7-
A nise mar thuirtmi, b'eigin do'n luchd-turais so dol
tro'n f hèill ud. Agus chaidh iad ann ; ach air dhaibh
inndrinn a staigh innte, bha luchd na (èììle, agus
muinntir a baille fè*in, mar gu'm b'ann, ann an othail
mhòr mu'n timchioll, air son aobhar no dha.
Air tàs, A chionn gun robh na h-eilthirich air an
J

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence