Skip to main content

‹‹‹ prev (92) Page 82Page 82

(94) next ››› Page 84Page 84

(93) Page 83 -
TURAS A CHKIOSDAIDH. 83
aghaidh a' pheacaidh : biodh an rìoghachd do ghnà 'nur
beaehd, agus creidibh gu seasmhach ann an nithibh neo-
f haicsinneach ; na faigheadh an saoghal grèim oirbh :
agus thar gach ni bithibh furachair mu'r cridheachan,
agus air an ana-miannaibh, oir tha iad cealgach thar
na h-uile nithe, agus anabarrach aingidh ; cuiribh 'ur
gnùis mar an ailbhinn chruaidh: thagach cumhachd air
nèamh agus talamh air 'ur taobh.
Criosdaidh. An sin thug Criosdaidh buidheachas da
air son a chomhairle ; ach thuirt e ris gu'm bu deònach
leo gu'n labhradh e tuille riu, chum còmhnadh leo air
a chuid a bha rompa de'n t-slighe ; gu h-àraidh o'n a
bha fios aca gu'm b' fhàidh e, a b'urrainn innseadh
dhaibh mu na bha tachairt daibh. A rèir an iarrtais
labhair Soisgeulach mar a leanas ; —
Soisgeulach. A chlann, chuala sihh à facal fìrinn an
t-Soisgeil, Gur h-ann tre ioma deuchainn is èigin duibh
dol a steach do rìoghachd nèimh. Agus a rithist, Gu'm
beil anns gach baile cuibhrichean agus àmhgharan a'
feitheamh oirbh j uime sin cha'n ion duibh dòchas a
bhi agaibh gn'n tdid sibh fad air 'ur n-aghaidh air 'ur
turas gun iad a thachairt oirbh, an aon seadh no
seadh eile ; mhothaich sibh cuid diù cheana, agus
mothaichidh sibh tuille dhiù gun dàil ; oir, mar tha
sibh a' faicinn, cha 'n fhada gus am bi sibh a mach as
an fhàsach so, uime sin thig sibh a chum baile mòr a
chìsibh roimhibh ; agusanns a' bhaile sin cuirear thuige
gu teann sibh le nàimhdean, a bheir ionnsaidh air bhur
cuir gu bàs ; agus bithibh cinnteach gur èigin do dh'
fhear agaibh, no theagamh le chè"ile, 'ur fianais a
nasgadh le fuil ; Ach biihibh dìleas gu bàs, agus bheir
an Rìgh dhùibh crùn na beatha. Is e e-san a chuirear
gu bàs ann, ged a bhios a bhàs mi-nàdurra, agus a
chràdh mòr, is fearr cuid deth, no'm fear a bhitheas a
làthair; ni h-e amhàin air son gur h-e is luaithe
ruigeas am baile nèamhaidh, ach a chionn gu'n
seachainn e iomadh truaighe a thig air an f hear eile
'na thuras. Ach 'nuair a thig sibh chum a 1 bhaile, 's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence