Skip to main content

‹‹‹ prev (86) Page 76Page 76

(88) next ››› Page 78Page 78

(87) Page 77 -
TURAS A* CHRIOSDAIDH. 77
cù agus brè"inean ris, agus air ball pògaidh agus criòd-
aichidh si e.
Bruidhneach. Tha thu toileach an cothrom f haot-
ainn, mas math mo bharail.
Dìleas. Cha 'n eil idir : cha 'n eil mi ach a' cur
nithe ann an deagh riaghailt. Ach ciod an dara ni
leis an nochd thu gu'm beil gràs D4 anns a' chridhe ?
Bruidhneach. Mòr eòlas air rùn-dhiomhair an t-Sois-
geil ?
Dìleas. Bu chòir do'n chomharradh so bhi airtùs : ach
air tùs no deireach tha e mar an ceudna mhearachdach :
oir faodar mòr eolas fhaotainn mu rùn-dhiomhair an
t-Soisgeil, agus gun aon obair gràis a bhi 'san anara :
seadh, ged bhiodhgach coltas aig duine, faodaidh e bhith
nach eil ann ach neo-ni, agus nach ann de chloinn Dhè
e. (1 Cor. xiii.) 'Nuair a thuirt Iosa, an aithne dhuibh
na nithe sin uile; fhreagair na deisciobuil, gu'm b'
aithne, thuirt e, Is beannaichte sibh ma ni sibh iad.
Cha dubhairt e, is beannaichte sibh m'as aithne dhuibh
iad ; ach ma ni sibh iad. Oir tha eòlas ann aig nach eil
deanadas na cho-chuideachd : e-san d' am b'aithne toil
a Mhaighstir, agus nach d' rinn e. Faodaidh duine
eòlas a bhi aige inar aingeal, agus gun e bhi 'na Chriosd-
aidh ; uime sin cha 'n eil do dhearbhadh fior. Gu
deimhin bheir a bhi eòlach toileachadh do mhuinntir
uallach, bhriathrach : ach 'se nì a dheanamh a thoilicheas
Dia. Cha 'n e gu'm faod an cridhe bhi math gun eòlas ;
oir as eugmhais sin is neo-ni an cridhe. Tha uime sin
dà ghnè eòlais ann ; eòlas nach eil ach a mhàin sa'
cheann ; agus tha eòlas ann a tha'n cois gràs a' chreid-
eimh agus a' ghràidh ; a bhrosnaicheas duine chum toil
Dè a dheanamh le uile chridhe. 'S leòir leis an f hear
bhriathrach a' cheud eòlas ; ach as eugmhais an eòlai3
eile cha 'n eil am fior-Chriosdaidh toilichte. " Tabh-
air dhomh tuigse, agus coimhididh mi do reachd ; seadh
coimhididh mi e le m' uile chridhe." Salm cxix. 34.
Bruidhneach. Tha thu gabhail a' chothrom a rithist :
cha'n ann chum tairbhe tha na nithe sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence