Skip to main content

‹‹‹ prev (85) Page 75Page 75

(87) next ››› Page 77Page 77

(86) Page 76 -
76 TURAS A CHRIOSDAIDH.
Criosdaidh. 'Sàill leam thu dhol d'a ionnsaidh, agm
tòiseachadh air càileigin de chainnt dhùrachdaich mu
chumhachd na diadhachd ; agus fiosraich dheth gu saor
soilleir, ('nuair a dh'aontaicheas e leis, oir ni e sin) air
beil a' chùis mar sin 'na chridhe, 'na theaghlach, no na
chaithe-beatha.
An sin chaidh Dììeas da ionnsaidh, agus thuirt e ri
Bruidhneach; Ciod an cor no'm fonn 'sam beil thu nise ?
Bruidhneac'i. Tha mi ad' chomain : tha mi gu math,
shaoil mi gu'm biodh againn mòran conaltraidh roimhe so.
Dìleas. Ro mhatb, toisichidh sinn a nis' m'as àill
leat : agus o'n a dh'f hàg thu agams' an seanachas r'a
shochrachadh, bitheadh e chum na crìche so. Cionnas
a tha gràs slàinteil Dhè" ga nochdadh fèin, 'nuair a tha
e ann an cridhe duine ?
Bruidhneach. Tha mi mothachadh ma ta gur ann
mu chumhachd nithe a labhras sinn. Tha cheist ro
mhath, agus bheir mise freagradh air a' mhodh so; Air
tùs, far a'm beil gràs De anns a' chridhe, oibrichidh e
gàir mhòr an aghaidh a' pheacaidh. 'S an dara h-àite —
Dìleas. Deònaich stad, thugamaid fainear a h-aon
còlath: Air leam gur e bu chòir dhut a ràdh, gu'm beil
e ga nochdadh fèin leis an anam aomadh gu fuath thoirt
do'n pheacadh.
Bruidhneach. Ciod an t-eadar-dhealachadh a tha
eadar gàir a dheanamh an aghaidh a' pheacaidh, agus
fuath thoirt da ?
Dìleas. Tha mòran. Faodaidh duine glaodhaich a
mach an aghaidh a' pheacaidh a thaobh seòltachd ; ach
cha 'n urrainn e fuath a thoirt dà. 'S ioma fear a chuala
mi 'g èigheach a mach an aghaidh a' pheacaidh sa'
ehùbaid, a b'urrainn f hulang gu math sa' chridhe, sa'n
taigh, agus na chaithe-beatha. (Gein. xxxix. 15.)
Dh'èigh bana-mhaighstir Ioseiph a mach le guth àrd,
mar gu'm biodh i ro dhiadhaidh : ach bha i làn thoileach
neo-ghloine a chur an gniomh maille ris. Glaodhaidh
cuid eigin a mach an aghaidh a' pheacaidh, dìreach mar
their màthair ri leanabh 'na h-uchd, 'nuair a their i 'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence