Skip to main content

‹‹‹ prev (84) Page 74Page 74

(86) next ››› Page 76Page 76

(85) Page 75 -
TURAS A' CHRIOSDAIDH. 75
saoghail air a choimeas ri àm an fhogharaidh againne j
(Mat. xiii. agus xxv. ) agus tha fios agad nach eil sa'n
f hogharadh sùim aig daoine do ni sam bith ach toradh.
Cha'n e gu'n gabhar ri aon ni nach eil o chreideimh :
ach tha mi 'g ràdh so a' leigeadh ris dut cho faoin 'sa
bhitheas aidmheil Bhruidhnich air an là sin.
Dìleas. Tha so a' toirt a'm' chùimhne mu thimchioll
Mhaois, mar dh' ainmich e na beathaichean a tha glan,
(Lebh. xi. Deut. xiv.) Tha Bruidhneach coltach ris a'
bheathach a roinneas an ionga, 'sa chnàmhas a chìr ;
ach nach dean ach an iouga a roinn, no a mhàin a chìr
a chnàmh. Tha ghearr a' cnàmh na cìre, gidheadh tha
i neo-ghlan a chionn nach roinn i an ladhar. Agus tha
sàmhlachas mòr aige so ri Bruidhneach : tha e cnàmh
na cìre, tha e 'g iarraidh eòlais, a' cnàrah an f hacail :
ach cha roinn e'n ladhar, cha dealaich e r'a slighe
pheacach ; ach tha e mar a' ghearr a' giùlan càs coin no
maghàmhna, uime sin tha e neo-ghlan.
Criosdaidh. A rèir mo bharail labhair thu fior sheadh
nam briathran sin. Agus ainmichidh mi aon ni eile :
Thuirt Pòl ri cuid de dhaoine a bha mòr-bhruidhneach
(1 Cor. xiii. 1, 2, 3,) nach robh iad ach mar umha a ni
iuaim, agus mar inneal-ciùil a ni gleangarsaich; 'se sin
mar tha e ga mhìneachadh ann an àit' eile, Nithe gun
bheath' a' deanamh fuaim, (1 Cor. xiv.) Nithe gun
bheatha, 'se sin, as eughmhaisfior chreideamh agusgràs
an t-soisgeil : agus air an aobhar sin, nithe nach cuirear
am feasd do rìoghachd nèimh, 'nam measg-san a mhea-
sar aithrigh air a' bheatha mhaireannaich ; ged bhiodh
fuaim an teanga mar bhinn-ghuth aingil.
Dìleas, Cha robh de thlachd agam 'na chuideachd
an toiseach, nach eil mi nise cho toileach bhi cuidhte
dheth. Ciod a ni sinn chum a chur as ar caramh ?
Criosdaidh. Gabh mo chomhairle-sa, agus dean mar
sheòlas mi dhut, agus tuigidh tu an ùine ghearr gu'm
bi e-san cho toileach bhi r&dh dhiot-sa, mar buin Dia
r'a chridhe agus gu'm pill e.
Dìleas. Ciod is àill leat mi 'dheanamh .?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence