Skip to main content

‹‹‹ prev (83) Page 73Page 73

(85) next ››› Page 75Page 75

(84) Page 74 -
74 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
chreidsinn, cha'n ann a mbàin a chionn gu'n dubhairt
thu gu'm b'aitbne dhut e, ach a chionn gu'm beil thu,
mar bu còir do Chriosdaidh dheanamh, a' labhairt gu
h-iomchaidh mu dhaoine. Cha'n fhaod mi smuineach-
adh gur ann o dhroch rùn a tha thu labhairt, ach gu'm
beil gach ni mar thuirt thu.
Criosdaidh. Marbiodh tuilleadh eòlais agamair na bha
agadsa, theagamh gu'm bithinn de'n aon bharail riutsa;
ni h-e amhàin, sin ach na'm faighinn an cunntas so uime
uatha-san air am beag diadhachd, shaoilinn gur ann o
mhi-run a thainig e, mar is tric a thachair. Ach 's
urrrainn mi o'm f biosrachadh fèin gach ni a thuirt mi
a dhearbhadh, agus tuilleadh. A bharr air sin tha e 'na
aobhar nàire le deagh dhaoine ; cha'n abair iad bràthair
no caraid ris. Cuiridh urrad agus ainmeachadh nam
measg nàir' orra, m'as aithne dhaibh e.
Dìleas. Tha mi nis' a' faicinn gur dà chùis ni a ràdh
agus a' dheanamh ; agus an deigh so bheir mi aire ni's
fearr dha.
Criosdaidh. Is dà ni iad gun amharas, agus tha na
h-urrad eadar-dhealachaidh eatorra 's a tha eadar an
t-anam agus an corp, oir mar nach eil an corp as
eugmhais an anma ach mar chlosaich mharbh. Is e
smior na diadhachd an earrann ghniomhach. 'S e fior-
dhiadhachd neo-thruaillidh am fianais Dhe* agus an
Athar, an dìlleachdan agus a' bhantrach fhiosrachadh
'nan àirc, agus aon g'a chumail fdin gun smal o'n
t-saoghal. (Seum. i. 27, faic rann. 2, 3, 24, 25, 26. )
Cha'n eil dnil aig an fhear so gur ann mar sin a tha
cbùis : tha e am barail gu'n dean cluinntinn agus labhairt
mu chreideamh deagh Chriosdaidh ; agus mar so tha e
mealladh 'anma fe"in. Cha'n 'eil ann an cluinntinn ach
mar an sìol a chur ; cha leòir cainnt a dhearbhadh gu'm
beii tairbh sa' chridhe, agus anns a' chaithe-beatha ;
agus bitheamaid cinnteach air chionn là a'mhòir-chunn-
tais, gur hann a re"ir an toraidh a bheirear breth air
daoine: Cha' chanair an sin, Am beil sibh a'creidsinn ?
Ach 'co aca is luchd-gniomh no labhairt sibh a mhàin ?*
agus mar sin bheirear breth orra. Tha deireadi; an t-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence