Skip to main content

‹‹‹ prev (87) Page 77Page 77

(89) next ››› Page 79Page 79

(88) Page 78 -
78 TURAS A' CHRIOSDAIDH.
Dìleas. Ro mhath m'as àill leat nochd comharradh
eile mar tha gràs g'a f hoillseachadh far am beil e.
Bruidhneach. Gu deimhin cha nochd ; oir tha mi
faicinn nach bi sinn aon-sgeulach.
Dìleas. Mur dean, an ceadaich thu dhomh-sa dhean-
amh.
Bruidhneach. Tha thu aig saorsainn do thoile fè"in.
Dììeas. Tha gràs anns an anam ga nochdadh do'n
neach aig am beil e, no dhaibhsan a tha ga fhaicinn.
Dhàsan aig am beil e, air an dòigh so : Tha e toirt
mothachadh dha air a pheacadh, gu h-àraidh air truaill-
eachd a nàduir, agus mu pheacadh mi-chreideimh air
son am faod e bhi cinnteach a bhi caillte mar faigh e
tròcair o làimh Dhe, tre chreideimh ann an Iosa Criosd.
Tha'n sealladh agus am mothachadh so 'g oibreachadh
bròin agus nàire air son peacaidh : Tha e mothachadh
a bharr air sin, Slànaighear an t-saoghail air fhoill-
seachadh dha, agus am feum anabarrach a th'aige air
gabhail ris, air son am beil acras agus tart air air a
shon : agus 'sann do na cìocraich sin a tha'n gealladh
air a thoirt. A nis' sann a rèir mar bhios a chreideimh
'na Shlànaighear làg no laidir, a bhios a ghàirdeachas
agus a shìth, a ghràdh do naomhachd, a dhèigh air
barrachd eòlais fhaotainn, agus sèirbhis a dheanamh
dha san t-saoghal so. Ach ged a thuirt mi, gu'm beil
e ga nochdadh mar so dha, gidheadh 's ainmig is urrainn
da a thuigsinn gur h-obair gràis a th' ann : a chionr
gu'm beil a thruailleachd, agus a chlaon-nàdur a' cur
inntinn am mearachd sa' chùis so : uime sin feumaidh
e-san aig am beil an obair so barail chothromach a bhi
aige, mu'm faod e le ceartas breth a thoirt gur obair
gràis a th'ann. Do mhuinntir eile tha e air a' mhodh
so air f hoillseachadh : ] . Le aidmheil a' chreideimh ann
an Criosd o fhèin-f hiosrachadh. 2. Le caithe-beatha
freagarrach do'n aidmheil sin, 'se sin, le beatha naomha,
le naomhachd cridhe, naomhachd teaghlaich, ma tha
teaghlach aige, agus le naomhachd caithe-beatha san
t-saoghal ; ni a tha mar is tric' a' teagasg dha fuath o'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence