Skip to main content

‹‹‹ prev (99) Page 79Page 79

(101) next ››› Page 81Page 81

(100) Page 80 -
SO Truaighe na Muinntir sin
A pheacaich thruaigh, cha robh do ehridhe riamh
suidhichte air Dia ri do bheò ; cha robh è riamh air a
bhlàthachadh le gràdh Dhia ; cha robh fadachd riamh
air an deigh Dhia ; cha robh tlachd agad labhairt, no
cluinntinn mu Dhia ; b'f heàrr leat fantuinn gu bràth air
an talamh, na'm b'urrainn'thu, na cuid a ghabhail ann
am bìnn mholadh glòrmhor Dhia. An ceart, matà, gu'm
faigheadh tusa, no do leithid, kit maille ris an luchd-
ciùil nèamhaidh ? Cha ghabh è deanamh idir, idir.
4. Caillidh an sluagh mi-dhiadhaidh cuideachd
bheannaichte nan aingeal agus nan naomh glòraichte.
An kit a bhi 'n an còmpanaich do na spioradaibh sin,
agus air an àireamh maille ris na righribh aoibhneach
sin, is ann a bhitheas iadsan ann an cuideachd gharg na
h-ifrinn maille ri còmpanaich dhrèineach, ghràineil.
Chab'è 'bhi 'deanamh tàir air na naoimh, 'g an càineadh,
'g am fuathachadh, agus a' deanamh gàire-fanaid riutha
'n an trioblaidibh, an cènm gu ruigheachd air sonas. Ach
anis, a pheacaich, tha thu air do dhùnadh amach às a'
chuideachd sin o'n d'rinn thusa thu-fèin a dhùnadh
amach air tùs, agus tha thu dealaichte bho'n t-sluagh
sin de nach b'àill leat cuideachd a dheanamh. Cha n-
f huiligeadh tu iad ann do thigh, ann do bhaile, no, ach
gann, n s an rioghachd. Theireadh tu, mar thuirt Ahab
mu Eliah, gu'm bu luchd-bnairidh 's an fir iad ; agus
mar chaidh a ràdh an aghaidh nan Abstol, gu'n robh
iad " a' cur an t-saoghail bun os ceann." Ma thachair
aimhreit sam-bith, bu luath a choiricheadh tu iadsan
airson sin. 'Nuair a ghairm am bas iad, no 'bha iad
air am fògradh às an tir, bu mhaith leat air falbh iad.
Bu shàrachadh dhuit iad a bhi gu dileas a' cronachadh
do pheacaidh. Bu draghail an còmhradh naomh le do
choguis, 'us fios agad gu'n robh iad fad air thoiseach ort-
fèin. B'an-shocair leat an guth a chluinntinn ri urnuigh,
no moladh an àit air-bith. An iongantach, matà, thu
'bhi dealaichte uatha an dèigh sin ? Is fagus an là air
nach cuiriad dragh ort ni's mò. ' Bithidh doimhne mhòr
air a cur eadar iadsan agus thusa'. Luc 16. 26. 'An
àm do na naoimh a bhi air an sàrachadh le fanaid, le
uireasbhuidh, le trioblaid, le cradh agus, ann an tomhas,
le neo-iomlanachd an nàduir fern anns a' bheatha so, is

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence