Skip to main content

‹‹‹ prev (98) Page 78Page 78

(100) next ››› Page 80Page 80

(99) Page 79 -
a chailleas Fois nan Naomh. 79
sòlasach ri Dia. O'n " nach bu taitneach leo eòlas Dè
a chumail," ach ag ràdh ris, " Imich uainn : oir cha'n
àill leinn eòlas do shlighean," is gràineil le Dia iadsan
" a chumail" 'n a theaghlach. Cha leig è 'stigh gu bràth
ìad do oighreachd nan naomh. Cha cheadaich è idir
dhoibh seasamh 'n a làthair, ach " aidichidh è dhoibh,
cha b'aithne dhomh riamh sibh ; imichibh uam, a
luchd-deanamh na h-eucorach." Ach tagraidh iad gu
dàna nis còir air Criosd agus air nèamh, mar gu'm bu
naoimh chreideach, threibh-dhireach iad. Their am
mionnadair, am misgeadair, an strìopadair 's an spiocair,
" Nach è Dia m' Athair-sa, cho maith 'us d' Athair-sa ?"
Ach an uair a chuireas Criosd sgaradh eadar a shluagh
fèin agus a naimhdean, eadar a chkirdean dileas agus na
sodalaich mhealltach ud, ciod an sin, a thig dhe'n tagair
dhànadais so ? Chi iad nach è Dia an Athair, do bhrigh
nach b' kill leo-san a bhi 'n an cloinn dà-san. Cha b' àill
leo spiorad Dhia còmhnuidh a ghabhail ànnta ; air an
aobhar sin, cha chòmhnuich na h-aingidh ann an aros Dè.
Is iadsan amhkin a ghluaiseas maille ri Dia air thalamh,
a bhitheas beò, sona maille ris air nèamh. is beag is
aithne do'n anam aig nach 'eil fios air call an anama sin
a chailleas a choir air glòir Dhia ! Nach bu toll dubh,
dorch an talamh so na'n cailleadh è solus na grèine !
Nach blianach ghrkineil an corp 'nuair a chailleas è an
t-anam ! Ach is neo-ni na nithe sin uile ann an coimeas
ri call Dhe\ Mar is h mealtuinn Dhia nèamh nan naomh,
is è call Dhia, ifrinn nan daoine mi-dhiadhaidh. Agus
mar is è mealtuinn Dhia, mealtuinn nan uile nithe, is è
call Dhia call nan uile nithe.
3. Fòs caillidh na h-aingidh gach togradh gaolach
taitneach a dh-ionnsuidh Dhe\ Caillidh iad skr eòlas
air ; sealladh aoibhneach air a ghnùis ghlòrmhoir ; an
taitneas do-labhairt sin a gheibhear 'n a ghrkdhachadh ;
mothachadh air a ghrkdh neo-chriochnach dhuinn-ne ;
sior aoibhneas nan naomh, agus na h-aimhnichean sòlais
leis am bheil è 'g an riarachadh. Am beag na nithe
sin a chàll uile ? Cha n-'eil obair righ, ann an riaghladh a
rioghachd, cho krd seach obair na traih" a's suaraiche, 's
a tha an obair nèamhaidh so seach obair righ thalmhaidh.
Bheir Dia do dhaoinibh obair freagarrach ri 'n nkdur.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence