Skip to main content

‹‹‹ prev (100) Page 80Page 80

(102) next ››› Page 82Page 82

(101) Page 81 -
a chailleas Fois nan Naomh. 81
è teisteanas an Spioraid Naoimh mu'n timchioll, " nach
b'airidh an saoghal orra." Eabh. 11. 36-38. Agus
mar " b'airidh an saoghal" air an cuideachd air talamh,
is cinnteach nach airidh è air an cuideachd ann an glòir
air nèamh.
II. Ach tha fios agam gu'm bi mòran ullamh gu ràdh,
gu'n gabhadh seachnadh dhoibh air na nithibh krda sin
anns an t-saoghal so, agus carson nach gabhadh iad
seachnadh anns an t-saoghal ri teachd ? Ach a chum a
thuigsinn gu'm bi call nèimh ro ghoirt doibh, thugadh
lad sin fainear na nithe so : — Bithidh an tuigse air a
soilleireachadh chum fios a thoirt doibh air an call, —
Bithidh iad comasach air an call a làn-bhreithneachadh,
— Labhraidh an coguisean fèin na's geòire riutha air an
call, — Cha bhi an aignidhean cadalach na's fhaide, —
agus cha mheàll an cuimhne lad.
1. Air an là sin bithihh tuigse nan daoine mi-dhiadh-
aidh air a soilleireachadh a chum luach na chàill iad a
leigeil ris doibh. An diugh, cha n-'eil an call so a' cur
bròin sam-bith orra, do bhrigh nach do ghabh iad eòlas
riamh air òirdhearcas Dhè, ni mò tha guth aca air call
na h-oibre agus na cuideachd naoimh, do bhrigh nach
b'aithne dhoibh riamh an luach. Am fear a chailleas
sèud nach mò leis na clachag chumanta, is beag a
chùram air a shon, gus am faic è mòr luach an killeagain
a chàill è : agus an sin ni è caoidh air a shon. Their
è, " Och is mis' a chkill an n\ luachmhor I" Ach cha
bhi tuigse an t-sluaigh mhallaichte air a naomhachadh
idir, geda bhitheas i air a fosgladh suas gus am mile mear-
achd 'fhaicinn. Saoilidh iad an diugh gur feàrr onoir,
saoibhreas, taitneas, slàint 'us beath' an t-saoghail so,
na nithe glòrmhor an t-saoghail ri teachd. Ach an uair
a bhitheas iad truagh an de"igh do na nithe sin am
fàgail, agus a chi iad gu soilleir gur fior na nithe de
nach b'kill leo sùim a ghabhail, atharraichear am beachd.
Cha chreideadh iad gu'm bàth an t-uisg, gus an robh
iad ann am builsgean na fairge ; no gu'n loisg an teine,
gus an robh iad air tuiteam knn. Ach creididh iad gu
grad, 'nuair a dh-fhairicheas iad. Chi iad, tre Ikn
f hiosrachadh, gur brèugach a' bhoil-inntinn sin a thug
orra tàir a dheanamh air Dia, tàir air aoradh Dhia agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence