Skip to main content

‹‹‹ prev (72) Page 52Page 52

(74) next ››› Page 54Page 54

(73) Page 53 -
Fois nan Naorrih. 53
spioradail, ach sguiridh sin. Air an là sin, gheibh sinn
an t-ionmhas an còmhnuidh, gach uair a sheallas sinn
ann ar cisteig. Gheibh sinn Criosd an còmhnuidh ann
ar cridhe, gun dol idir ni's mò o mheadhon gu meadhon
'g a iarraidh , oir criochnaichear gach uile mheadhon
dhuinn ann an làn mhealtuinn uile bheannaichte.
9. Is è 'n t-seud mu-dheireadh ann ar criin, Fois
SJiiorruidh. Dh-easbhuidh so, is beag nach bu neo-ni
na nithe ud uile. Bu bhoinne searbh ann ar gàirdeachas,
eadhon smuaineachadh air dealachadh ris an fhois so.
B'ifrinn air nèamh smuaineachadh air a call aig am air-
bith, direach mar bu sheòrsa nèimh è do'n mhuinntir
mhallaichte anns an t-slochd, na'n robh dòchas aca ri
faighinn £s uair-eigin. Tha bàsmhorachd sgrìobhte air
gach toileachas fo'n ghrèin. Caillear ar toil-inntinn anns
gach cuspair taitneach 'g a fhaicihn a' bksachadh ann
ar làimh ! Ach, a Shiorruidheachd bheannaichte I far
am bi againn beathaagus toil-inntinn bhuan gun chùram,
gun eagal bàis ! far am bi sinn " 'n ar puist ann an
teampull ar Bè, agus cha tèid sin ni's mò a mach às."
Taisb. 3. 12. Am feadh bu sheirbhisich sinn, thugadh
àite dhuinn fo aonta, agus sin fad là goirid ar beatha ;"
P ach fanaidh am mac 'san tigh gu bràth." Eò. 8. 35.
Ann ar pàrras talmhaidh, Eden, bha rathad amach as,
ach cha d'f huaradh riamh rathad astigh ànn arist. Ach
anns a' phàrras shiorruidh so tha rathad astigh, gun
rathad idir amach às arist. Luc. 16. 26. " m' anam
tilg uait do smuaintean faoin mu thaitneasaibh na beatha
so. Tilg uait do ghreim de'n talamh 'us de'n f heòil.
Smuainich trie, smuainich làn air brighmhorachd an aon
f hocail so — Sìorruidheachd. Dè so ! a bhi beò, seadh
beò gun bhàsachadh gu bràth ! Dean gàirdeachas, seadh
gàirdeachas gu brkth I bu shona dhuibh-se anamanan
mallaicht' ann an ifrinn shios, na'm faigheadh sibh fuasg-
ladh an dèigh do cheud mile bliadhna 'dhol seachad I
bu truagh dhuibh-se, a naoimh air nèamh, na'n caill-
eadh sibh bhur seilbh air glòir, an dèigh do iomadh
ceud mile saoghal a dhol seachad. Anns an f hocal so
Siorruidh — Siorruidh — Siorruidh (a' sior-ruith,) tha d<5r-
uinn iomlan nan deamhnan, agus glòir iomlan nan naomh.
na'n smuainicheadh am peacach air an fhocal so,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence