Skip to main content

‹‹‹ prev (71) Page 51Page 51

(73) next ››› Page 53Page 53

(72) Page 52 -
52 Oirdhearcas
bheil sinn beò an diugh ! Dh'f hàg ar Fear-saoraidh na
boinnean searbh sin againn ri 81, chum ar gràineachadh
o'n olc le droch bhlas na dibhe seirbhe, chum ar pill-
eadh gus an deoch mhilis, bheò, ghlan ìarraidh agus òl
a amhuinn an t-sòlais ; agus mar sin, ar glanadh 's ar
gealachadh airson criiin na beatha... An diugh buailidh
bròn astigh air gach ceud-fàdh, a' pianadh a' chuirp
's a' ciùrradh a' chridhe. Nach 'eil gach ball o'n cheànn
gus a' chois gu trie a' fulang ? Ach fàgaidh sinn gach
plan 'us peacadh, gach dus 'us feòil uile gu lèir 'n ar
dèigh. suaimhneas beannaichte na rioghachd sin far
nach 'eil ni ach sith mhilis gun sgurl sin àit na
slàinte, gun oich, gun acain, gun aon neach tinn ànn !
cia beannaicht' an tir anns am bheil na h-uile 'n an
righrean ! Cia naomh an coimhthional anns am bheil na
h-uile 'n an sagartàh ! Cia saor an stàit anns nach 'eil
òglaich idir ach òglàich an Ard Kigh ! Cha bhi duine
bochd, sgith an sin ! Cha bhi acras, no tart an sin! Cha
bhi neach luideagach, no lomnochd an sin ! Cha bhi
reothadh, crith-fhuachd, no cruaidh theas an sin ! Cha
bhi ar n-aghaidhean glas, no dubhach an sin ! Cha bhi
aimhreit, no sgaradh eadar càirdean an sin ! Cha bhi
tigh-aire, no tigh-bròin, no caoidh, no deòir an sin : oir
" tiormaichidh Dia gach dèur o ar sùilibh an sin I" O
m' anam giùlain anis le anmhuinneachd do phkilliuin
thalmhaidh. Cha mhair so ach mionaid bheag. Tha
fuaim casan an Fhir-shaoraidh eadhon aig an dorus.
Fòs gheibh sinn fois o gach dleasanas a ta an diugh
y ar sgitheachadh. Cluinnear gach fear-riaghlaidh,
pàrant 'us ministear coguiseach, dleasanach a' gearan
an diugh " 's ami òrm-sa 'tha 'n t-eallach trom."
Tha caochladh dleasanas aig gach staid 'us aois, agus
gheibhear gach Criosduidh curamach a' gearan, " O
m' eallach ! Och is tròm m' eire ! Och is è mo lag-chuis
fèin a tha 'g a dheanamh tròm !" Ach tilgidh an fhois,
a ta 'feitheamh òirnn, an t-eallach so dhinn.
Aon uair fathast, gheibh sinn fois o na trioblaidibh
drSghail sin uile a dh-f hèumas a bhi 'g ar leantuinn an
so gus an tig an là air an nochdar sinn an làthair Dhè.
An diugh, gheibhear boinnean trioblaid ann ar miann,
ann ar dòchas, ann ar fadachd, 'us ann ar feitheamh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence