Skip to main content

‹‹‹ prev (73) Page 53Page 53

(75) next ››› Page 55Page 55

(74) Page 54 -
54 Oirdhearcas Fois nan Naomh.
shaoilinn gu'n tugadh è air lèura amach à cadal a
pheacaidh ! na'n smuainicheadh an t-anam gràsmhor
air, shaoilinn gu'rn beò-neartaicheadh sin è fo'n àmhghar
a's dòruinniche ! — Agus Tighearn, am bi Mise mar
sin beò gu siorruidh ? Matà, bheir mi fòs gràdh gu siorr-
uidh. Am bi mo ghàirdeachas neo-bhàsmhor ? agus nach
bi mo thàing-mholadh neo-bhàsmhor mar-an-ceudna ?
Is cìnnteach, mur càill mi mo ghlòir gu siorruidh, nach
sguir mi idir de do mholadh-sa gu siorruidh. Ni thu
mi-fèin agus mo ghlòir iomlan agus buan-mhaireannach,
mar sin is leat-sa mi, agus cha leam-fèin mi, agus is è
mo ghlòir-sa do ghlòir-sa. Agus do bhrìgh gu'm b'è
do ghlòir fèin d' àrd chrìoch ann mo ghlòir-sa, is è sin
mo chrioch-sa, mar-an-ceudna, an dèigh dhuit mo chrun-
adh leis a' ghlòir sin air nach tig crioch idir. " A nis
do'n R\gh shiorruidh, neo-thruaillidh, neo-fhaicsinneach,
do Dhia a ta mhàin glic, gu robh urram agus glòir, gu
^aoghal nan saoghal. Amen." 1 Tim. 1. 17.
Mar so dh'oidhirpich mi boillsgeadh a nochdadh
dhuibh de'n ghlòir a tha ri teachd. Ach is geàrr mo
bhriathran-sa air òirdhearcas na glòire sin ! A le'ughadair,
ma's creidmheach simplidh, iriosal thu, a' feitheamh le
fadachd, 's a' deanamh saothair airson na foise so, is
goirid gus am faic agus am mothaich thu gur firinn so
uile, agus gheibh thu sealladh cho soilleir de'n staid
bheannaichte so 's a bheir ort truas mòr a ghabhail de
na crèutairean truagh sin leis nach kill an f hois so iarr-
aidh, no 'ghabhail. Chi thu nach d'innseadh leam-sa
an so, an deicheamh mile cuid de oirdhearcas na fois' a
ta 'feitheamh air na naoimh. Ach an dràst, deanadh
am beagan a chuala tu d' iarrtas agus do dhlchioll a
bheothachadh. Eirich ; tog ort ; oibrich ; ruith agus
dean spàirn ; cathaich agus cum romhad ; oir is cmnt-
each, glòrmhor an duais a ta romhad. Coimhlionaidh
Dia a ghealladh. Feuch màta, nach mag, nach meal
's nach mill thusa d'anam f^in le da.il, no leisgeul. Ciod
a shaoileas tu, a b'f hekrr do Chriosduidhean, ann an
cuairt am beatha 's an dleasanais, na glòir na foise so a
chumail an còmhnuidh ùr, blàth 'n an smuaintibh ? Cia
naomh am fònn anns am biodh an spioradan, na'n lean-
adh iad a' beò-mheòrachadh tre chreidimh air glòir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence