Skip to main content

‹‹‹ prev (50) Page 30Page 30

(52) next ››› Page 32Page 32

(51) Page 31 -
atrson Fols nan Naomh. 31
ud air a h-òrduchadh dhoibh le Criosd fein ? Ach nach
d'innis Enoch so o chian ? " Agus rinn Enoch mar an
ceudna, an seachdamh pearsa o Adhamh, fàidheadair-
eachd orra sin, ag ràdh, Feuch, tha'n Tighearn a' teachd
le deich mile d'a naomhaibh, a dheanamh breitheanars
air na h-uile, agus chum iadsan uile a tha mi-dhiadhaidh
'n am measg f hàgail ris, a thaobh an uile ghniomhara
mi-dhiadhaidh a rinn iad gu mi-dhiadhaidh, agus a
thaobh an uile bhriathar cruaidhe, a labhair peacaich mi-
dhiadhaidh 'n a aghaidh." Iad. 14, 15. Mar sin, cuirear
onoir air na naoimh, " agus bithidh uachdaranachd aig
na fireanaibh anns a' mhaduinn." Salm 49.14. dhaoine
mi-churamach an t-saoghail, " nach bi sibh glic, nach
tuig sibh so, nach toir sibh fainear bhur crioch dheirean-
nach." Hò I nach smuainich sibh anis mar a ni sibh,
'nuair a chi sibh " na nèamhan a' dol thairis le toirm
mhòir, agus na dùilean a' leaghadh is, le dian-theas, agrs
an talamh mar an cèudna agus na h-oibre a ta air, air
an losgadh suas !" An sin, bithidh gach ni 'n a theine rr.u
bhur cluasaibh agus gach glòir talmhaidh a' caithean h
as. Oir " tha na nèamha agus an talamh a tha nis ann,
leis an f hocal sin fèin air an tasgaidh suas, agus air «d
gleidheadh fa chomhair teine air cheann là a' bhreith-
eanais, agus sgrios dhaoine ain-diadhaidh. Uime s n
do bhrigh gu'm bi na nithe so uile air an sgaoileadh as
a chèile, ciod a' ghnè dhaoine bu choir a bhi annaibh,
ann an caithe-beatha naomh, agus diadhachd, le sùil a
bhi agaibh ris, agus luathachadh chum teachd là Dhe,
anns am bi na nèamha, air dhoibh bhi ri theine, air an
sgaoileadh o chèile, agus anns an leaghar na duile le
dian-theas ?" 2 Pead. 3. 7, 11, 12.
4. Is è an t-uidheamachadh mu-dheireadh airson fois
nan naomh, iad a bhi air an crimadh gu maiseach,
greadhnach, 's an rioghachd 'f haotuinn. Oir mar tha
Criosd, an Ceànn, air 'ùngadh araon 'n a Righ agus 'n a
Shagart, mar sin fodha-san, nithear a phobull araon 'n an
righrean agus 'n an sagartan do Dhia gu righeachadh,
agus gu bhi 'g a mholadh gu siorruidh. Taisb. 5. 10.
"An crùn fireantachd a bha air a thasgadh fa'n comhair,
bheir an Tighearn, am breithcamh cothromach, dhoibh
's an Ik ud." " Bha iad firinneach gu bàs," air an aobhar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence