Skip to main content

‹‹‹ prev (51) Page 31Page 31

(53) next ››› Page 33Page 33

(52) Page 32 -
32 An t- Ullachadh mor
sin, " bheirear dhoibh crìin na beatha." Agus arèir an
tomhais anns an do ghnàthaich ìad gu maith an tàlantan
's a' bheatha so, bithidh an onoir air a meudachadh an
dèigh so. Cha n-ò tiodal faoin a gheibh ìad, ach f \or
nachdaranachd. " Bheir Criosd dhoibh comas suidhe
maille ris-feln air a righ-chaithir." " Bheir e dhoibh
cumhachd os-ceànn nan Cinneach," mar f huair e-fein
o'n Athair, agus " bheir e dhoibh rèult na maidne."
Bheir an Tighearn fein seilbh dhoibh air an còir, 'g am
moladh 'us 'g am fàilteachadh leis na briathraibh so,
" Is maith, a dheadh sheirbhisich fhirinnich; bha thusa
firinneach ann am beagan do nithibh, cuiridh mise os
ceànn mòran do nithibh thu : imich a steach do aoibh-
neas do Thigh earna."
Agus crimaidh è air a chaithir iad leis an fhkilteachadh
naomh, shoilleir, bheannaichte so, " Thigibh, a dhaoine
beannaichte m'Athar-sa, sealbhaichibh mar oighreachd
an rioghachd a ta air a deasachadh dhuibh o leagadh
bunaite an domhain." Is beatha agus aoibhneas gach
focal dhiubh sin. " Thigibh." So anis sineadh amach
na slait-òir rìoghail a' toirt barantais dhuinn teachd fagus
do ghlòir. " Thigibh" anis cho fagus 's is kill leibh. Na
bitheadh eagal òirbh à" breitheanas a' Bhetsemich ; oir
" tha an naimhdeas air a chur air cùl" gu lèir. Cha
n-ionann " Thigibh" so 's a b' àbhaist duinn a chluinn-
tinn ag rkdh " Thigibh, togaibh bhur crann-cèusaidh
agus leanaibh mise." Bu mhilis sin, ach is è so a's milse
gu mòr, — " Thigibh a dhaoine beannaichte." Is beann-
aichte sinn da rireadh, 'nuair a ghairmear " beannaichte"
sinn le bèul sin nam beannachd ! Oir geda bha sinn air
ar meas, leis an t-saoghal, mar dhaoine mallaichte,
agus geda bha sinn ullamh gu sinn-fein a mheas mall-
aichte, gidheadh " is beannaichte" gu cinnteach " iadsan
a bheannaicheas esan ; agus is mallaichte iadsan a mhall-
aicheas è ; agus a bheannachadh-san cha n-urrainnear
atharrachadh." — " A dhaoine beannaichte m' Athar-sa,"
beannaichte ann an gràdh an Athar agus a' Mhic, oir
a is aon" iad. Dhearbh an t- Athair a ghràdh dhoibh
'n an taghadh, 'n an tabhairt do Chriosd, ann an cur
Chriosd g' an saoradh, agus ann an gabhail na h-eirig a
phaidh Criosd air an son : agus tha gràdh Chriosd air a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence