Skip to main content

‹‹‹ prev (49) Page 29Page 29

(51) next ››› Page 31Page 31

(50) Page 30 -
30 An t- Ullachadh mor
obair cheana, chum do shaoradh, d' ath-ghineamhuinn,ao
naomhachadh agus do shlànachadh, — agus an atharraich
è sin uile nis ? Ko mhaith ! ro mhaith ! matà, air meud
uamhasan an là sin, cba n-eagal dhuinn-ne — cha n-'eil
cunnart ànnta dhuinn-ne. Criothnaicheadh na diabh-
ulan agus na h-aingidh fòpa, ach lèumaidh sinne le
aoibhneas. Is ann againn-ne 'bhios am mothachadh geur,
àrd air ar tròcair agus air ar sonas fèin, 'nuair a chi sinn
a' chuid a's mò de shluagh an t-saoghail so air chrith le
trom uamhas, agus sinn-fèin ri caithream àrd-aoibh-
neach ; 'nuair a chluinneas sinn iad air an diteadh gu las-
raichean siorruidh, agus sinn-fein air n-èigheachd 'n ar
n-oighreachan air an rioghachd, — seadh, mo chreach !
iadsan a bha 'chòmhnuidh 's an aon bhaile ruinn, 1 s an
aon tigh ruinn, a' dol do'n aon eaglais ruinn, 'us air am
meas na's urramaiche na sinne anns an t-saoghal, anis,
anis, anis air an sgaradh uainn gu siorruidh le òrdugh
Fir-rànnsachaidh nan cridheachan. Tha na nithe sin
uile, àrd ghreadhnachas agus crith-eagal an là mhòir
sin air an sgriobhadh gu druighteach leis an Abstol
anns na briathraibh so : — " Do bhrigh gur ceart an ni
do Dhia, àmhghar iocadh dhoibh-san a ta 'cur àmhghair
oirbh ; agus dhuibh-se a ta fo àmhghar, fois maille
ruinne, 'nuair a dh'fhoillsichear an Tighearn Iosa o
nèamh, maille r'a ainglibh cumhachdach, ann an teine
lasarach, a' deanamh dioghaltais air an dream aig nach
'eil eòì vs air Dia, agus nach 'eil ùmhal do shoisgeul ar
Tighearna Iosa Criosd. Muinntir air an deanar peanas
le sgrios siorruidh o làthair an Tighearna, agus o ghlòir a
chumhachd ; 'nuair a thig e gu bhi air a ghlòrachadh 'n a
naomhaibh, agus chum gu'n deanar iongantach e annta-
san uile a ta 'creidsinn 'san là sin, (do bhrigh gu'n do-
chreideadh ar fianuis-ne 'nur measg-sa.") 2 Tes. 1. 6-10.
Tuilleadh fathast. Cha bhi idir geilt-crith òirnn-ne ri
breitheanas an là sin. An kite sin is ann a nitear
sinn-fein 'n ar breitheamhan : oir bheir Criosd " com-
misean" d'a phobull f^in gu suidhe maille ris, a' moladh
a bhreitheanais f hior. " Nach 'eil f hios agaibh gu'n
toir na naoimh breth air an t-saoghal ?" Ni-h-eadh, acli
"air ainglibh?" 1 Cor. 6. 2, 3. Cò a chreideadh sin?
nach bu dànadas sin a ràdh, mur biodh an onoir mhòr

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence