Skip to main content

‹‹‹ prev (48) Page 28Page 28

(50) next ››› Page 30Page 30

(49) Page 29 -
airson Fois nan Naomh. 29
Ach carson a bhiodh eagal ort-sa, anam iriosail,
ghràsmhoir ? An Ti nach do chàill aon Noah anns an
clìle mhòir, an Ti nach d'f hag aon Lot ann an Sòdom ;
ni-h-eadh, nach deanadh ni sam-bith an aghaidh an
droch bhaile sin, gus an tàinig Lot amach as , an di-
chuimhnich è thusa air an là sin ? "Is àithne do 'n Tigh-
earn na daoine diadhaidh a shaoradh o bhuaireadh, agus
na daoine eucorach a choimhead gu là a bhreitheanais
chum peanas a dheanamh ofra." Is aithne dhà aon là
a dheanamh 'n a uamhas glè" mhòr d' a naimhdibh, agus
1 n a aoibhneas glè mhòr d' a phobull fèin. " Cha 'n 'eil
diteadh sam bith do'n dream sin a ta ann an Iosa Criosd,
a tha 'gluasad cha'n ann a rèir na feòla, ach a rèir an
Spioraid. Cò a chuireas coire sam bith à leth daoine
taghta Dhè?" Am faod an lagh an diteadh ? Cha n-f haod
idir : " Oir shaor lagh Spioraid na beatha, ann an Iosa
Criosd, ìadsan o lagh a' pheacaidh agus a' bhàis." An
dean an coguis an diteadh ? Cha dean. Oir " tha an
Spiorad fèin a' deanamh fianuis maille ri 'n spiorad-san
gur ìad clann Dhè. Is e Dia a dh'f hireanaicheas. Co
& dhiteas" iad? Rom. 8. 1, 2, 16, 33, 34. Mur dean
ar Breitheamh glòrmhor, mòr ar diteadh cò a dh-fhaodas
a dheanamh? An Ti a thubhairt ris a' bhan-adhaltran-
aich, " An do dhit duine air bith thu '? cha mhò tha
niise 'g a d' dhiteadh," nach abair è ruinn-ne air dòigh
na's firinniche na thuirt Peadar ris-fein, " Ged dh'àich-
eidheadh," no ged dhiteadh "nah-uile dhaoine thu,"
cha dean mise sin. Air dhuit-sa " mis' aideachadh am
fianuis dhaoine, aidichidh mise thusa mar an cdudna am
fianuis m' Athar a ta air nèamh." Mata 10. 32.
cia do-labhairt an t-aoibhneas, ar Tighearn aig am
bheil làn ghràdh dhuinn, agus do'm bheil mòr ghràdh
againn-fèin, a bhi 'n a Bhreitheamh òirnn 1 An eagal le
duine breth a thoirt air le caraid f ìor ghràdhach ? An
eagal le mnaoi a dhol fo bhreith a companaich fèin ?
Feuch, a Chriosduidh, thàinig Criosd anuas, agus
dh'f huilig è, agus ghuil è, agus dhòirt è 'f huil, agus bhàs-
aich è air do shon-sa, — agus an dean è nise do dhiteadh ?
Thugadh breth air-fèin, dhiteadh e-fèin, chèusadh e-fèin
air do shon-sa, — agus an dean e-fein thus' a dhiteadh
anis? Nach do chrìochnaich è a' chuid a's mò de'u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence