Skip to main content

‹‹‹ prev (47) Page 27Page 27

(49) next ››› Page 29Page 29

(48) Page 28 -
28 An t- Ullachadh mor
teachd an so, agus am binn 'f haotuinn. cia uamhas-
ach ! cia aoibhneach an là I Uamhasach dhoibh-san
a dhi-chuimhnich teachd an Tighearna ! Aoibhneach. do
na naoimh a bha gu seasmhach a' feitheamh agus aig
an robh dòchas ris an là so 'f haicinn. Air an là sin,
chi an saoghal " maitheas agus gèur-cheartas Dè, geur-
cheartas" 'n an aghaidh-san a bhios càillte, " ach maith-
eas" d'a shluagh taghte fèin. Ròm. 11. 22. Fèumaidh
gach aon " cùnntas a thoirt air a stiubhardachd."
Chnntar dhuit an sin gach tàlaut a f huair thu, eadhon
tìm, slàint, rèusan, tròcairean, àmhgharan, meadhonan,
rabhadh. Fosglar suas agus ainmichear gu follaiseach
an làthair ainglean agus dhaoine, peacaidhean d'òige a
dhi-chuimhnich thu, agus gach peacadh uaigneach a
rinneadh leat. Chi peacaich an Tighearn losa, air an
d'rinn ìad tàir, a' diultadh umhlachd d'a f hocal, a' càin-
eadh a mhinistearan, 's a' fuathachadh a sheirbhiseach,
anis 'n a shuidhe air caithir-breitheanais a' toirt breith
orra-fein. Eighidh an coguisean ciontach amach 'n an
aghaidh fèin. Gairmidh iad gu'n cuimhne an uile dhroch
gnìomhran fèin. Càit anis an seall am peacach truagh ?
Co is urrainn smuaintean oillteil a chridhe ghoirt a
thuigsinn ? Nis cha n-urrainn an saoghal a chuideach-
adh. Cha n-urrainn a sheànn chornpanaich. Cha
n-urrainn 's cha n-àill leis na naoimh a chuideachadh.
Is è mhàin an Tighearn losa a's urrainn, ach so an
truaighe, cha n-àill leis an cuideachadh anis. Bha uair
ànn, a pheacaich, air am b'àill le Criosd do chuideach-
adh, ach cha b'aill leat-sa. Bu bhuidhe leat-sa Criosd
anis, ach cha n-àill leis-san thusa. Is diomhain air an
là sin èigheachd " ris na slèibhtibh agus ris na creagaibh,
Tuitibh oirnne agus tblaichibh sinn o ghnuis an ti a ta
'n a shuidhe air an righ-chaithir ;" oir is è Tighearn nam
beànn 's nan creag do nàmhuid, agus is ànn ri 'ghuth-san
a db-eisdeas iad, agus cha n-ann idir ri do ghuth-sa.
" Tha mi a' sparradh ort uime sin am fianuis Dè, agus
an Tighearna losa Criosd, a bheir breth air na beothaibh
agus air na marbhaibh, aig a theachd dealrach. agus ann
a rioghachd :" (2 Tim. 4. 1.) thus' thu-fèin a chur a
einuaineachadh gu làn-chùramach air na nithibh sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence