Skip to main content

‹‹‹ prev (5) Page 1Page 1

(7) next ››› Page 3Page 3

(6) Page 2 -
2
staid cho iosail. Dh’orduich E gu’m biodh a
shraidean agus a thighean air an glanadh, gu’n
tigeadh na h-uaislean air an ais a rithisd, gu’n
rachadh na ciuird a chur o bhi riaghladh, pairt
dliiubh. a chrochadh, agus each h mharbhadh
no a chur a mach, mar a bhiodh na h-uaislean a’
fas lionmhor agus laidir.
Cha-n’eil txom agam a dhol a dh’ innseadh
mar a thainig an Righ air ceann nan uaislean
a stigh do’n bhaile, mar a dh’ fhosgail E na
geatachan agus a’ chaochladh bhaitealan a bha
eadar E agus na naimhdean a stigh, agus an
ranaich a bha air mathair air ceannardan agus
air cloinn nan ceard ’nuair a chaidh an cur a
mach as an tighean agus a chaidh na h-uaislean
le’n ceannardan fo armachd a stigh 'nan aite.
Shaoileadh sibh an uair sin gu’n robh nadur
a’ chogaidh anns a’ chloinn fein, Ghabh na
h-uaislean le an cloinn agus an ceannardan
comhnuidh ’nan tighean air an sraidean fein a
reir mar a shuidhicheadh iad le ordugh an Righ.
Bha sraidean a’ bhaile uile ceangailte ri cheile
o dhol a stigh a’gheata. Bha cuid dhiubh
anabarrach mor, mar a bha an t-sraid a bha
ri taobh a’gheata agus aon eile a bha goirid o
chul-thaobh a’ bhaile. A’ chuid a bha lathair
de na ciuird dh’ fhalbh iad fein agus am mathair
gu sraidean cumhann dorch fuar air nach robh
a’ghrian ag eirigh. Bha iad an toiseach ’fulang
gu mor leis an acras agus car tamuill bha moran
leis nach leigeadh am feagal an aghaidh fheu-
chainn air aon de shraidean a’ bhaile, gu
h-araidh a’ chuid a bha ro dhubh ’san eudan.
'Sana an toiseach an t-samhraidh mu am
seinn nan eun a thainig na h-uaislean a stigh do
’n bhaile. Bha an la fada’s a’ghrian ach beag
an aird an comhnuidh. Cha-n fhaca mise a
leithid sin de shamhradh riabh agus tha feagal
orm nach fhaic, o nach bi m’ oige air a h-
athnuadhachadh. Bha bainne agus biadh cho
pailt ris a’ mhanna ; agus cha robh e doilich a
thional gu h-araidh ’nuair a bhiodh beagan
neirt ann mo shuilean. Ach air mo shonsa
dheth bha nadur anmhuinneachd ann mo

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence