Skip to main content

‹‹‹ prev (4)

(6) next ››› Page 2Page 2

(5) Page 1 -
EACHDRAIDH
AIR BAIL-’AN-RIGH
A BHA FO RIAGHLADH NAN CEARD
A BHI AIR A GHLACADH
AGUS AIR A GHLANADH
Le
Domhnull Catanach a bh’ air an t-Sliabh
am Bkideanach (1813-1891)
Air dhomh bhi air chuairt 'san t-saoghal
thachair dhomh teachd gu baile araidh. Bha
am baile so m6r agus iongantach. Chaidh e
tre iomadh caochladli o chaidh a 'thogail an
toiseach. Bha a gheatachan agus a shraidean
air an suidbeachadh le a leithid de ghliocas agus
a dh’ordugh ’s nach b’urrainn mise gun bhi
glaodhaich a mach gu’m b’iongantach agus
miorbhuileach a dhealbh. Bha uair ann nach
robh aon ach uaislean ann agus comunn ac’
uile ris an Righ a thog am baile. Ach tre
innleachd an namhaid dh’fhag na h-uaislean
am baile agus thainig na ciuird gu bhi ’gabhail
comhnuidh 'nan aite. Ann an tiota shiolaich
na treubhan so gus nach d’fhag iad tigh no
sraid gun lionadh.
Cha ruig mi leas innseadh dhuibh 'nuair a
chunnaic mise am baile an toiseach gur e na
h-eucoraich so ’bha ’gabhail comhnuidh ann.
Dh’fheuch mise mi fein ri beagan de’n chuid
bu duibhe dhiubh chur a mach agus feadhainn
de’n aon seorsa ach ni b’fhearr coslas a shuid-
heachadh 'nan aite. Ach mu’n am so thainig an
Righ fein a choimhead a’bhaile. Bha E ro
dhiombach a bhi ’faicinn a bhaile fein ann an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence