Skip to main content

‹‹‹ prev (6) Page 2Page 2

(8) next ››› Page 4Page 4

(7) Page 3 -
3
shiiilean riabh. Tha mi ’smuaineachadh gur
e sin a dh’fhag mi ni’s fuaire na muinntir eile
'sa chridhe ; agus bidh am fuachd so a rithisd
a’ milleadh mo shul.
Ach mu thimchioil nan uaislean, fagus do
■chulthaobh a’ bhaile air aon de na sraidean bu
mho bha ceannard urramach a’gabhail comh-
nuidh. Cha robh aon 'sa bhaile ni bu bhreagha
na e, coslach ris an Righ 'na aghaidh agus’na
nadur. Bha e am measg a’ cheud thriuir de
cheannardan an Righ. Bha faireachdainn
mhor aig ri muinntir ann an trioblaid. Bha
Innigh-throcairean a'fuireach ’na thigh. Chun-
naic mise e a'gul airson na muinntir a bhiodh
a deanamh croin air. Cha robh e ullamh gu
fearg a bhi air ri aon sam bith ach na ciuird.
’Nuair a thigeadh aon diubh ’na fhradharc
■chitheadh tu atharrachadh coslais air a shuilean,
pir bha tlachd aig ann an orduighean agus
aitheantan an Righ.
Air an aon sraid ris an duin’uasal so agus
fagus d’a thigh bha mbran de uaislean eile
a’fuireach am measg an robh Bron-diadhaidh,
Roghainn-mhaith agius Miann-nan-nithe-a’s-
fearr. Tha mise am barail gu’n robh lamh
mhor aig na daoinibh so ann an glanadh nan
tighean o an truaillidheachd a dh’fhag na
ciuird, agus iad air an comhnadh le ceannard
urramach a bha fuireach air an t-sraid aig dol a
stigh a’gheata. Mu choinneimh tigh an duin’
uasail so air an taobh eile dhe’n t-sraid bha
Fuath-do’n-olc a' gabhail comhnuidh. Tha
mi’m barail gur ann mu’n aite so a bha an tigh
aig Eagal-Dhe agus laimh ris Faire agus Na-
creidibh-gach-uile-spiorad. 'Se thachair dhoibh
gu’n robh na tighean aca cho coltach ri cheile
■agus mur fhaiceadh tu ni b’fhearr na mise nach
b’urrainn duit na h-aitean-comhnuidh ac’ a
dhealachadh o cheile. Bha iad fein anabarrach
coltach ri cheile mar a tha Gradh-do’n-mhaith,
Fuath-do’n-olc agus Eagal-peacaidh. Agus ri
tiom cunnairt chitheadh tu iad a’ siubhal le
’n armachd air sraidean a’ bhaile an aird a dh’
ionnsuidh nan ceannardan air an robh curam

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence