Skip to main content

‹‹‹ prev (22) Page 20Page 20

(24) next ››› Page 22Page 22

(23) Page 21 -
21
CAIB. VI.
PONCAN R’ AN COIREACHADH AN EaGLAISIBH ElLE.
I. Naeh ’eil an Eaglais Chleireachail, gu ceart, iomcliuidh bhi air a gairni
no air a h-ainraeachadh Protastanach?
Tha. Do bhrigh gu’m bheil i, maille ris na h-Eaglaisibh ath-Ieasaichte
eile, ag aidmheil gu’ n dluth-lean i ris an fhianuis sholuimte a thog luchd
an Ath-leasachaidh (mu shea-ceud deug bliadhna do dh’aois ar Tighearna)
an aghaidh mhearachdan agus thruaillidheachd Eaglais na Rdimhe.
II. Ciod iad cuid do na mearachdan anns an Eaglais sin, an agbaidh an
do thog an Eaglais Ath-leasaichte fianuis?
Thog iad fianuis, a measg iomadaidh ni eile, an aghaidh teagaisg Ard-
cheannais a’ Phapa. (Mat. xxiii. 8, 11: Eph. ii. 19, 20.) Thog iad fianuis an
aghaidh teagaisg neo-fhailingeachd na h-Eaglais, (Gniomh. xvii. 11: 2 Cor.
i. 24.) An aghaidh teagaisg a bhrigh-atharrachaidh, agus iobairt na h-aif-
rinn. Gniomh. iii. 20, 21, Eabh. ix. 24-28: 12-14.) An aghaidh an teagaisg,
gu’m bheil oibre maithe nan naomh, fiughail ann an lathair Dhe. (Isa.
Ixiv. 6: Eph. ii. 8, 9. Rom. xi. 6.) An aghaidh teagaisg a’ Phurgadair agus
gu’m bu choir urnuighean a chur suas as leth nam marbh. (Luc. xvi. 22,
23, xxiii. 43: 2 Cor. v. 8, 1 Eoin. i. 7: Tais. xiv. 13.) An aghaidh an teag¬
aisg gu’m bu choir aoradh a dheanamh do dh’ iomhaighibh nan naomh
agus do chuimhneachanaibh no do nonaidibh coisrigte. (Ecs. xx. 4, 5.
Taisb. xix. 10: xii. 8, 9:) An aghaidh, nach bu choir na Sgriobtuirean a bhi
air an leughadh leisa’ phobull. (Deut. vi. 6,7: Mat. xxii. 29: Eoin. v. 39.) An
aghaidh teagaisg bheatha nageamnuidheachd, agus fantuinn airais o sheor-
sachaibh araidh bidh, le cumail a mach gu’m bheil an leithide sin a ghnath,
an dlu-dhaimh ri ard-dhiadhachd agus naomhachd bharraicbte na deadh-all-
aidh. (Lebh. xxii. 10, 13; 1 Cor. vii. 2: 1 Tim. iv. 3, 2: 1 Cor. vii. 8.) Tha na
h-Eaglaisean Cleireachail Ath-leasaichte a’ togail am fianuis an aghaidh nam
mearaehd so, agus ann an aghaidh iomadaidh mearachd eil’ ann an Eaglais
na Roimhe, a thaobh iad bhi ana-Criosdail, agus sgriosail do dh’ anamaibh
dhaoine.
III. Ciod an solus anns am bheil luchd-ClOire ag amharc air Eaglais Phro-
tastanach shuidhichte Shasuinn agus Eirinn?
Tha iad ’g am meas mar Eaglaisibh le Criosd, ach aig an am cheudna,
co neo-sgriobtuireil ’n an suidheachadh, agus ’n am ministreileachd, agus
gu Vn b’eigin doibh fein an comunn a chumail air leth uatha.
IV. Ciod a th’ ann an suidheachadh, agus ann am ministreileachd nan
Eaglaisean so a ta Luchd-Cleire ag aicheadh agus a’ cur air chill?
Anns a' cheud nit. Tha iad ag aicheadh a’ chumhachd agus an iighdar-
rais ann an gnothuichibh spioradail, a tha na h-Eaglaisean ud ag aideaehadh
a bhi aig an ard-Uachdaran aimsireil, co dhiubh is firionnach no boirionnach
e. Faic Leabhar Lagha Righ Eannraig, an t-ochdamh Cuih. far am bheil
e air a chur an ceill,—“ Gu ’m bheil lan chumhachd agus ughdarras
aig an Righ a chluinntinn agus a shonruchadh, gach uile chins a bhuineas
do ’n Eaglais, agus gach uile dhubhailc, pheacadh, mhearachd, agus shaobh-
chreidimh ath-leasachadh agus a cheartachadh, Ge be air bith.” Agus faic
mar an ceudna, anns an 34. earrann do'n chaibideit cheudna, anns am bheil air a
chur sids—“ Ge b’ e air bith a bhriseas gu follaiseach beul-aithris, no Riagh-
ailt-chrabhaidh na h-Eaglais, tha e a’ deanamh dochann do ughdarras an
uachdarain.” (Mat. xiii. 10: Eph. i. 2.)
Anns an dara h-ait,—Tha aca an aghaidh nan Eaglaisean ud, gu'm bheil,
do reir an suidheachaidh-san, cumhachd aig Parlamaid, no ard-chomhairle
na Rioghachd, a th’air a deanamh suas do luchd-Eaglais Easbuigeach Shas¬
uinn, Eaglais Chldireachail na h-Alba, agus gach dream eile’s am bith mar
thachaireas, agus ana-creidmhich, a shonruchadh cia lion Easbuig agus Aodh-
air a’s feumail a bhi aca, mar th’ air a noehdadh anns an Ac/W-Iagha mu
dheireadh a rinn iad; ann an beagachadh aireamh an cuid Easbuigean ann
an Eirinn.
Anris an treas dit,—Tha iad ’g an aicheadh, do bhrigh na smachd, agus an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence