Skip to main content

‹‹‹ prev (21) Page 19Page 19

(23) next ››› Page 21Page 21

(22) Page 20 -
20
umha.” Galat. vi. 6: “ Comh-roinneadh an neach a ta air a theagasg "s an
fhocal, ris an neacli a ta ’g a theagasg, anns n^ h-uile nithibh maithe.” Faic,
mar an ceudna 1 Cor. ix. 3—15.
II. Ciod an inntinn anns am bu choir an tabhartas so a thoirt seachadi
Bu choir a thoirt gu-saor, fialaidh, taingeil, erabhach. Lebh. i. 3: “ Bheir
e seachad e d’ a shaor thoil fein ” 2 Cor. ix. 6, 7: “An ti a chuireas gu
gann, buainidh e gu gann mar an ceudna; agus an ti a chuireas gu pailte,
buainidh e gu pailte mar an ceudna.” Salm. cxvi. 17: “Dhuitse iobraidh
mi iobairt molaidh, agus air ainm an Tighearna gairmidh mi.”
III. Ann an euisean’s an ionadan araidh, far am bheil cuibhrionn iom-
chuidh air a sholar cheana, air son orduighean agus ministreileachd an
t-soisgeil fhior ghloin, le tiodhlacan suidhichte diomhair, no follaiseach, am
bheil criosduidhean, air an aobhar sin, gu an cuibhrionn fcin a chumail air
ais?
Cha ’n ’eil: bu choir dhoibh, ann an ciiisibh mar sin, am meudachadh
air son maith nan cinneach, agus muinntir eile air nach do bhuilicheadh na
sochairean ceudna; agus mar so, bidh soisgeul Chriosd air a chraobh-
sgaoileadh gus an dean gaeh uile chinneach seirbhis dha.
IV. Am bu choir do uachdaranaibh, agus do rioghachdaibh ’n an inbhe
fhollaiseich, aoradh Dhe agus leas a’ chreidimh a chumail suas?
« Bu choir: tha iomadh aobhar agam a’ smuaineaehadh gur e sin an dleas-
danas.
V. Ciod iad cuid do na h-aobharaibh sin?
1. Chionn gu ’n d’ fhuair uachdarain an cumhachd o Dhia; agus, uime sin,
is coir dhoibh a ghnathachadh chum a ghloire. Gna-fhoc. viii. 15. Tha
rioghachdan a’ faighinn shochairean uaith, agus, uime sin, bu choir dhoibh
seirbhis dhligheach a thoirt da.
2. A thaobh ann an ludea, o shean, gu ’n robh an creidimh air a shuidh-
eachadh le Dia, agus air a chumail suas leis na h-Iudhaich; nis an ni a
dh' orduich Dia, mar ni ceart, feumaidh e bhi ceart; agus an ni a bha ceart
an sin, feumaidh e bhi ceart fathast.
3. A thaobh nach ’eil ni’s am bith’s an Tiomnadh Nuadh an aghaidh
so, ach air an laimh eile, tha na h-uile ni do reir so, agus iomadh faidh-
eadaireachd agus aithne mu dheighinn am an t-soisgeil gu soilleir a' comh-
arrachadh so ’n a dhleasdanas do righribh agus do rioghachdaibh: Faic Salm.
Ixxii. 10, 11. Agus Isai. xlix. 22, 23.
VI. Am bheil aon aobhar eile agad air son so?
Tha: 4. Chionn gur h-e Criosd, mar Eadar-mheadhoinear, Righnanrigh,
agus, uime sin, bu choir dhoibh striochdadh dha, agus a chuis-san a chumail
suas.
5. A thaobh gur i crioch araid uachdaranachda an t-olc a chumail sios,
agus am maith a’ dhionadh.
6. A thaobh gu bheil creidimh Chriosd, gu h-araidh far am bheil e air a
shuidheachadh do’n t-seorsa ghlan Chleireachail, a’ cumail dhaoine nis mo
an ordugh, agus ni’s fearr ’n an caithe beatha.
VII. Nach bi mi-ghnathachadh corr uair a’ tighinn a stigh do Eaglaisibh
Sgriobtuireil ged chaidh an suidheachadh air an doigh cheart sin?
Bithidh: ach tha sinn ri stri ris na mi-gnatha sin a chur uainn, agus an
deadh ehleaehdamh a chumail suas. Cha tilg duine glic uaith trusgan maith
chionn gu bheil droch bhall no dha ann, na 'n deanamh beagan do shaotbair
an toirt as.
VIII. Am bheil thu, air an aobhar sin, gu creidimh a chumail suas a tha
neo-Sgriobtuireil, chionn gu bheil e suidhichte?
Cha ’n ’eil idir: oir cha’n ’eil creidimh gu bhi air a mheas maith chionn gu
bheil e suidhichte; ach bu choir dha bhi suidhichte chionn gu bheil e maith.
IX. Am bheil e iomchuidh gu ’n deanadh uachdarana creidimh a shuidh¬
eachadh ’s a chumail suas co dhiubh bhios e fior na breugach, fior-ghlan no
truaillidh?
Cha ’n ’eil: feumaidh duin’ achlann oileineachadh; ach cha m ’eil e cead-
uichte dha an oileineachadh air sheol a bhios cronail dhoibh fein agus do
dhaoin’ eile. ’S ann mar so, mar an ceudna, tha a’ chuis eadar uachdar¬
ana agus iochdarana.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence