Skip to main content

‹‹‹ prev (8) Page 6Page 6

(10) next ››› Page 8Page 8

(9) Page 7 -
7
18: “ Ghuidh mi air Titus a dliol do ’ur n-ionnsuidh, agus chuir
mi brathair maille ris.”
XX. Am bheil am focal Aingeal mar tha e air a glmathachadb
mar shamhladh air seachd Eaglaisean na h-Asia ann an Leabhar
an Taisbeanaidh a’ ciallachadh seirbliiseach a’s airde no Cleir-
each, no Aodbair, no ministeir?
Cha ’n ’eil am focal a’ ciallachadh ach teachdaire ’mhain;
agus feudar an t-ainm gu h-iomchuidh, a thahhairt do ’n t-seanair-
theagaisg, no feudar a’ radh mar ainm, ri Ceann-suidhe, (no fear-
riaghlaidh) na cleire, mar cheann-comhairleachaidh, no conalt-
rai<lh, no feudar a ghnathachadh mar ainm air a thoirt do aodh-
airibh na h-Eaglais, mar air leth, no an ceann a cheile. Taish. ii.
8, 10: “cuidDHiUBH a chum gu ’n dearbhar sibh,” &c.: agus 13:
“ ’n ur measg.
XXI. Ciod a tha dhith air duine chum coir a thoirt dha hhi
air drduchadh a chum na ministreileachd?
Fallaineachd’s a' chreidimh, caithe-beatha neo-lochdach, agus
naomh; cuibhrionn do dh’eolas aimsireil agus diadhaidh a dh’
fhagas comasach e a chum cur an aghaidh luchd-aicheadh a’
chreidimh.—agus le uiread do thiodhlac labhairt’s a tha ’g a
dheanamh comasach an Eaglais a theagasg. 2 Tim. ii. 2: “ Agus
na nithe a chuala tu uam-sa a measg mhdran fhianuisean; earb
thusa na nithe sin fein ri daoinibh firinneach, a bhios iomchuidh
gu daoin’ eile a theagasg mar an ceudna.” Tit. i. 7, 8: “ Oir is
coir do dh’ easbuig a bhi neo-choireach mar stiubhart Dhe, cial-
lach, cothromach, naomha, measarra.” Mat. xiii. 52: “ air an
aobhar sin gach uile sgriobhaiche ta foghluimte chum rioghachd
neimhe, is cosmhuil e ri fear-tighe a bheir a mach as ’ionmhas
nithe nuadha agus sean.”
XXII. Co aige tha ughdarras gu daoine drduchadh a chum
dhreuchdan’s an Eaglais?
Aig Cleir, no aig co-chruinneachadh do na seanairibh: 1 Tim.
iv. 14: “ Maille ri leagadh lamh na seanaireachd.” Gniomh. vi.
6: “ Chuir iad iadsan an lathair nan abstol: agus air deanamh
umuigh dhoibh, chuir iad an lamhan orra.”
XXIII. Am bheil dreuchd bhunaiteach air hith eile ’s an Eag¬
lais, ach dreuchd teagaisg?
Tha. Dreuchd-riaghlaidh mar an ceudna. Eabh. xiii. 24:
“ cuiribh failt’ orra-san uile tha ’n an cinn-iuil duibh.”
XXIY. Co dha hhuineas gluasad anns an dreuchd so?
Araon do na Cleirich, no dona seanairibh: Gniomh. xv. 6:
“ Agus thainig na h-ahstoil agus na seanairean an ceann a cheile
a dh’fheuchainn mu ’n chuis so;” agus xvi. 4: “thug iad dhoibh
na h-drduighean r’an coimhead a dh’ drduicheadh leis na h-abstol-
• aibh agus na seanairibh.” 1 Tim. v. 17: “ Na seanairean a
riaghlas gu maith.”
XXV. Cia lion buidheann Sheanair a ta ann?
Dithis;—An seanair teagaisg no an t-aodhair, agus an seanair
riaghlaidh. 1 Tim. v. 17: “ Measar gur airidh na Seanairean a
riaghlas gu maith air urram dubailte, gu h-araidh iadsan a tha
saoithreachadh, ’s an fhocal agus ann an teagasg.” 1 Cor. xii. 28:
“ luchd-teagaisg, luchd-cuideachaidh, uachdarana.”

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence