Skip to main content

‹‹‹ prev (7) Page 5Page 5

(9) next ››› Page 7Page 7

(8) Page 6 -
G
XVIII. Cia mar tha sin air a nochdadh?
1. Cha ’n ’eil easbuigean air an ainmeachadh aim an earrann
’sam bithdo ’n Tiomnadh-Nuadh le aon ainm sonruichte air bith,
a chum an eadar-dhealachadh o mhinisteiribh eile.—Cha ’n ’eil
a h-aon diubh air an drduchadh mar thighearnaibh air oighreachd
Dhe; ach an ceart aghaidh sin, mar easbuig, no fear-coimhead
na treuda; agus tha cleireach, no seanair, air a thoirt mar ainm
do na pearsaibh ceudna. Faic, Grniomh. xx. 17: tha iad so air
an ainmeachadh “ Seanairean ” a tha a ris, aims an 28 rann air
an ainmeachadh “ luchd-coimhead.” ’S e sin Easbuigean, mar
tha am focal Greugais “ episcopal ” a’ ciallachadh.
2. Cha ’n ’eil dleasdanas no cumhachd air earbsadh ri easbuig
ann an aon iiit air bith do na Sgriobtuiribh air leth o dhleas-
danasa luchd-teagaisg eile. Cha ’n ’eil e air aithris ann an aon ait
air bith, gu’m bheil eadar-dhealachadh’s am bith eatorra sin, ann
an cumhachdan-gniomha no ann an ionnsuchadh. “ Mar so, ann
an Tit. i. 5: tha an t-abstol a cur an cuiinhne do Thitus,” “ Air
son so dh’ fhiig mi thu ann an Crete, chum gu'n suidhicheadh tu
seanairean aims gach bailo.” Anns an ath rann tha e cur an
ceill an deas-bhuadhan mar sheanairibh, agus aims an t-seachd-
amh rann, ann an cur an suim am buadhan, tha e ’g radh, “oir
is coir do easbuig a bhi neo-choireach,” &c.
8. Am feadh a tha ’n da shloinneadh so air an toirt do na
h-aon daoinibh; CUireach a reir inbhe, Easbuig co-ionann ’n
an dleasdanasaibh le ’cheile—tha iad araon co-ionann, air gach
aon doigh. ’S e ’n t-aon eadar-dhealachadh a chithear anus am
bheil muthadh ’s am bith, gu’m bheil an onoir a’s mo air a
meas do na daoinibh a tha ri teagasg, co maith ri riaghladh:
Faic 1 Tim. v. 17: “ Measar gur airidh na seanairean a riaghlas
gu maith air urram dubailt, gu H-ABAIDH iadsan a tha saoith-
reachadh’s an fliocal agus ann an teagasg.” Faic mar an ceudna.
1 Cor. xii, 28.
4. Tha gach uile aodhair a’ faotainn a dhreuchd agus ’iigh-
darrais fein o Chriosd, leis an aon drdugh, agus anns na h-aon
bhriathraibh: Marc. xvi. 15: “ Agus thubhairt e riu, Imichibh, air
feadh an t-saoghail uile, agus searmonaichibh an soisgeul do gach
duil.”
5. Uaithe sin, tha gach uile do’n goirear “ Cleireach ” no aodhair,
air an gairm “Easbuigean ” mar an ceudna, agus iadsan do’n
goirear “ easbuigean ” tbeirear mar an ceudna “ Cleirich ” riu’; a
thaobh gu’m bheil an inbh’, an cumhachd, am buadhan, agus an
dleasdanasa an dlu-dhaimh ris an da shloinneadh, no’n da ainm
so. Tha e soilleir nach ’eil iad ’n am buidhnibh, no na ’n inbhibh
air leth; ach mar aon, agus mar aon ni. Uime sin, cha ’n ’eil ann
an Cleireach no aodhair, agus ann an Easbuig, reir nan Sgriob-
tur, aeh an t-aon ni.
XIX. Ciod a’ ghne dreuchd air leth bha aig Timoteus agus
aig Titus?
Bha iad ’n an seirbhisichibh neo-abhaiseach, agus ioma-
shiubhlach. 2 Tim. iv. 5, 10: “ Dean obair soisgeulaiche. Titus
(air falbh) a chum Dhalmatia.” 2 Cor. viii. 23: “ Titus, is e mo
chompanach-sa e, agus mo cho-oibriche do’r taobh-sa:” agus xii.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence