Skip to main content

‹‹‹ prev (291) Page 211Page 211

(293) next ››› Page 213Page 213

(292) Page 212 -
212
SAR-OBAIR. NAM BARD GAELACH.
Tha Caiptein Rob Gre air a dhiultadh,
Le breitheanas Prionnsa nan cealg ;
Rinn coimeasgadh Reotbach a chumadh,
Gu nails’ agus duinealas gharg.
Tha breugan a’s cuir air am fagail,
Do ’n fhear a’s fearr talann g’ an inns’;
Cha cheadaich a’ chuis e do Bbatair,
Tha onoir a’s ardan ’n a ghrid ;
Ge comasach Iain a bhrathair,
Cha ’n fhaigh e an drasd’ i chion aois ;
Ach an sin gheibh e obair an t-Satain,
Ceart comh-luath’s is bas do fhear Chraoich.
MARBHRANN,
UILLIEM MHUILLEIR, AK CEAKD.
O ’nuair’s a chaidh Uilleam fo ’n uir,
Gur tearc againn silil tha gun deur,
Do mhuilleir, a bhrachair, no ’chocair,
No ’mhnathan da ’n nos bhi ri spreidh ;
Cha mhodha na clamhain a’s gaothair,
Tha subhach’s an fhoghar-s’ ’n a dheigh ;
Air son gu’m buin iomail na cloinne,
Gach ubh a’s gach eireag dhaibh fein.
’S glan a tha ’n talamhs-s’ ’n a fhasach,
O ’nuair chaidh thu bas o cheann mios;
Ge maiseach na macain so dh-fhag thu,
Cha seas iad dhuinn t-Mtse ’n an dios ;
'S ann a tha acuinn do cheairde,
Mar rud chaidh ’n an claraibh’s an diosg ,
An t-iird a’s am balg ris an teine,
An rusp, a’s an t-innein, ’s an t-iosp.
'S giorra mo sgil, na mo dhurachd,
Gu innseadh do chliu mar is coir ;
’S minig a dhearc mi do chruinn-leum
Do ’n iiite'm bu chinntich’ do Ion ;
Sgiathan do chdta fo t-achlais.
Is neul an tombac’ air do shrdin ;
Bhiodh gaoir aig na coin ’g a do ruith,
Agus mir air dhroch bhruich ann do dhbrn.
Air fhad’s a theid cliii ort a leantuinn,
Cha ’n urrainn mi chantainn gu leoir ;
’S tu dh-fhuineadh, aghuiteadh, ’s achriathradh,
’S tu dh-itheadh, ’s a dh-iarradh an cdrr ;
’S tu rachadh do ’n t-sruthan a chlisgeadh,
’Nuair ghabhadh na h-uisgean gu Ion :
Bu choltach ri rapas na seilcheig,
An easgann mu thimcheall do bheoil-
Cha’n aithne dhomh neach feadh natalmhainn-s
A’ choiteir, a’ shearbhant, no ’thuath,
Nach ionndraineadh Uilleam, as aodann
Oir shiubhladh e ’n sgire ri uair ;
Nis o ’n a chual iad gu ’n deach’ e,
Tha rud-eigin smal air daoin’ uails’,
Air son nach ’eil neach ac’s a’ mhachair,
A ghianas taigh-cac no poit fhuail.
MARBHRANN,
DO THR1UIR SHEANN FHLEASGACH.
[CLANK FHIR TAIGH RUSPUINN.]
Aia fonn—“ Latha ’ siubhal sleibhe dhomh.”
’N an laidhe so gu h-iosal,
Far na thiodhlaic sinn an triuir,
Bha fallain, laidir, inntinneach,
’Nuair d’ inntrig a’ bhliadhn’ ur ;
Cha deach’ seachad fathast,
Ach deich latha dh’i o thus ;—
Ciod fhios nach tig an teachdair-s’ oirnn,
Ni’s braise na ar diiil?
Am bliadhna thim’ bha dithis diubh,
Air tighinn o ’n aon bhroinn,
Bha iad ’n an dii chomrad,
O choinnich iad ’n an cloinn ;
Cha d’ bhris an t-aog an comunn ud,
Ged bu chomasach dha ’n roinn,
Ach ghearr e snaith’n na beath-s’ ac’,
Gun dail ach latha’s oidhch’.
Aon duine’s bean o ’n tainig iad,
Na braithrean ud a chuaidh,
Bha an aon bheatha thimeil ac’,
’S bha ’n aodach de ’n aon chlldmh ;
Mu ’n aon uair a bhasaich iad,
’S bha ’n nadur d’ an aon bhuaidh ;
Chaidh ’n aon siubbal dhaoine leo,
’S chaidh ’n sineadh’s an aon uaigh.
Bu daoine nach d’ rinn briseadh iad,
Le iiosrachadh do chach ;
’S cha mho a rinn iad aon dad,
Ris an can an saoghal gras ; «,
Ach ghineadh iad, a’s rugadh iad,
Is thogadh iad, a’s dh-fhas—
Chaidh strac de ’n t-saoghal tharais orr’,
’S mu dheireadh fhuair iad has.
Nach ’eil an guth so lahhrach,
Ris gach aon neach againn bet) ?
Gu h-araidh ris na seann daoine,
Nach d’ ionnsuich an staid phosd’;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence