Skip to main content

‹‹‹ prev (290) Page 210Page 210

(292) next ››› Page 212Page 212

(291) Page 211 -
ROB DONN. 211
j——
Feur a’s coille, bla a’s duille,
’S iad fo iomadh neul,
Is ise le echo, mar na teudan,
Seirm gach seis a’s fearr.
Cha V aite comhnuidh leam air Dhbmhnach,
A bhi ’n roig no ’n earn,
Oir, mur robh strianach ann air bhliadhna,
Cha robh riamh ni b’ fhearr ;
Fuaim na beinne, ’s gruaim a’ ghlinne,
’S fuathach leam a’ ghair ;
O! cr.idh mo chridhe, reubadh lighe,
An t-ait an tighe’m feur.
Ciod am fath mu ’n tug thu fuath sin,
Do na bruachaibh ard ?
Nach fhaic thu fein, ’nuair thig an spreidh,
Gur feumail iad le ’n .hi ?
Cha chradh cridhe, air laraeh shuidhe,
Fuaim na lighe lain,
Do ’n gnath bhi claghach roimh a h-aghaidh,
Is feur na deighidh a' fas.
Na bha firinneach dheth t-amhran,
’N fhad’s bha ’n samhradh blath.
Rinn e tionndadh oidhche-Shamhna,
’S bheir an geamhradh ’shar ;
Duille shuidhicht’ barr an fhiodha,
Dh-fas 1 buidhe-bhan,
’S tha mais’ ’n t-Srath’ air call a dhath,
Le steall de chathadh-lair.
Gleidhidh ’n talamh ihun an t-samhraidh,
Sin a chrann e ’n drasd,
Beath a’s calltunn latha-bealltuinn,
Gealltanach air fas;
Bidh gruth a’s crathadh air na srathan,
’S teirgidh ’n caitheadb-lair,
Nach grinn an sealladh, glinn a’ stealladh,
Laoigh, a’s baiune, ’s bkrr !
’S barail leam-sa gu ’n do chaill sibh,
Air na rinn sibh chais ;
Dhol do shliabh, gun chur, gun chliathadh,
’S nach robh biadh a’ fas ;
B’ fhear bhi folluiseach an Goll-thaobh,
Na bhi ’n comunn ghraisg.
Air mo dholladh leis an chonnadh,
Laimh ri holla fail.
W9<c.—This is a contrast between the pleasures of a town
and a pastoral life, as if by two young ladies, (daughters
of the celebrated “Iain Mac-Eachuinn,”) one of them
returned from the town of Thurso, where she had been
sent to school, and the other, yet ignorant of town, up¬
holding the pleasures of rural retirement The beauties
of the bard’s own native strath are delineated in strains so
sweet that we have only to regret that he did not more
Creouently indulge his muse in descriptive poetry.
MARBHRANN IAIN GHRE,
ROGHAIRD.
fAgus e air caochladh ann an Siorramachd Pheairt, air
a shlighe dol dachaigh do Chat-taobh.]
Tha rdgairean airtnealach, trom,
’N taobh bhos agus thall do na Chrasg,
O ’n chual iad mu ’n cuairt an Ceann-cinnidh,
Gu ’n do dh-eug e an Siorramachd Pheairt;
Dh-aindeoin a dhreachdan’s a chiall:
Cha do chreid duine riamh a bha ceart,
Aon smid thainig mach air a bheul
’S cha mho chreid e fein Righ nam feart.
Cha ’n aithne dhomh aon ni cho laidir,
’S an t-saoghal-s’, ri bas, gu toirt teum ;
’N t-8trac thug e an drasd’ oirnn air aghairt,
Gun do marbh e fear Roghaird do leum.
Tha Satan ro bhrdnach, ’s cha ’n ioghnadh,
Ged fhaigheadh e ’n t aon-sa dha fein,
Air son nach ’eil fathast air sgeul aig’
Fear a sheasas dha ’aite ’na dheigh.
’S fad a bho chunnacas, ’s a chualas,
Gur teachdaire gruamach am bas ;
Gidheadh guun beil euid bh’ann an daoch ris,
Toirt rud-eigin gaoil da an drksd’:
Tha dull ac’ an Cat-thaobh’s an Gall-thaobh,
Nach urr’ iad a mholadh gu brath,
Air son gur h-e fein thug a’ cheud char
A fear thug cuig ceud car a each.
Sibhse tha mor agus mion,
Sibhse tha sean’s a tha dg,
Thugaibh cheart air’ air a’ bhas,
’Nuair is beartaich’ ’s is Ikine bhur crog ;
Oir thig e mar mheirleach’s an oidhch’,
Ged robh sibh uile cruinn mu na bhbrd ;
’S cha ’n fheudar a mhealladh le foill,
’S gu ’n do mheall e Ceann-feadbna nan rdg.
Rinn deamhnan is triiicairean talmhaidh,
Election mu chealgair bhiodh treun,
Co bu staraich’, bu charaich’, ’s bu cheilgeich’,
’Sab’ fhearr chuireadh lith air a’ bhreig ;
B’ e Satan am breitheamh bu shine.
Da’m b’ aithne gach fine fo ’n ghrein ;
’S b’ i ’bharail nach fhaigheadh e leithid,
Mur robh e’s na Greadhaich iad fein.
Bu mhath leam an ciontach a bhualadh.
’S cha b’ aill leam duin’ uasal a shealg ;
’S ged chuireas mi gruaim air a’ choireach,
Cha gabh an duin’ onarach fearg ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence