Skip to main content

‹‹‹ prev (257) Page 177Page 177

(259) next ››› Page 179Page 179

(258) Page 178 -
1 SAR-OBAIR NAM BARD GAELACH.
Mu'n tig ort am bas,
Nach leig tlm gu brath,
! Air geata nan gras a steach.
AM B R U A D A R.
Air bhith dhomhsa ann am shuain
{ A’ bruadar diamhain mar tha each,
Bhi glacadh sonais o gach ni;
Is e ga'm dbibreadh ann’s gach ait.
Air learn gun tainig neach am choir,
’S gu’n dubh’rt e Hum :—“ Gur gorach mi,
1 Bhi smuainteach greim a ghlei’dh do’n ghaoith
No fos gu’n lion an saogh’l mo chri.
“ Is diamhain dut bhi ’g iarraidh siiimh,
’N aon ni’ no’n ait air bith fo ’n ghrein ;
Cha chlos do d’ chorp an taobh so ’n uaigh,
No t-anam ’n taobh so shuaimhneas De.
j “ An tra dh’ith Adhamh ’a meas an tils,
Am peacadh dhruigh e air gach ni:
Lion e na h-uile ni le saoth’r,
Is dh-fhag e ’n saogh’l na bhriste cri’.
“ Air sonas ’anma chaill e choir,
Mar ris gach solas bha’nn sa gharr’
O sin ta ’shliochd nan deoiribh truagh ;
Mar uan a mearachd air a mhath’r.
“ Ri meilich chruaidh ta’d ruith gach ni,
’An duil gu’m taigh an inntinn clos ;
Ach dhaibh tha ’n saogh’l gun iochd no truas,
Mar mhuime coimheich fhuair gun tins.
“ Mar sin tha iad gun fhois no tamh,
Ga 'n shrach’ glacadh faileas breig ;
’S a’ deoth’l toil-inntinn o gach ni,
Is iad mar chiochan seasg nam beul.
“ Bidh teanndachd eigin ort am feasd,
’S do dhochas faicinn fuasgladh t-fheum,
An comhnuidh dhut mar fhad do lliimh ;
Ach gu brath cha’n fhaigh dheth greim.
“ Cha teagaisg t-fheuchain’s dearbhadh thu,
O dhhil is earbsa chuir sa’ bhreig,
A rinn do mhealladh mile uair,
'S cho fhada bhuat an diugh san de.
“ An ni bu mho da’n tug thu miann,
Nach dh-fhag a mhealtuinn riamh e searbh ?
Tha tuille sonais ann an duil,
Na tha’nn an crun le bhi na sheilbh.
“ Ceart mar an rbs a ta sa’ ghar’,
Crion seargaidh bhla ’nuair theld a bhuain ;
Mu’n gann a ghlacas tu e d’ IMmh,
Grad threigidh fhaileadh e ’sa shnuadh.
“ Cha ’n eil neach o thrioblaid saor,
Am measg a ’chinne daoin’ air fad,
’S co lionmhor osna aig an righ,
Is aig an neach is isle staid.
“ Tha ’smudan fein 6s ceann gach foid
Is doruinn ceangailt’ ris gach math ;
Tha’n rbs a f<is air drisean geur,
’S an taic’ a cheil tha mhil san gath.
“ Ged fhaic thu neach ’an saibhreas mor
Na meas a shblas bhi thar chach ;
An tobar’s gloine chi do shuil,
Tha ghriiid na iochdar gabhail tamh.
“’S mu chuireas t-anail e ’na ghluais,
Le tarruinn chabhaig suas a’d’ bheul,
Duisgidh an ruaghan dearg a nios,
’S le gaineamh lionaidh e do dheud.
“ ’S ged fhaic thu neach ’an inbhe aird,
Tha e mar nead am barr na craoibh ;
Gach stoirm a bagra’ thilgeadh nuas,
Is e air luasgadh leis gach gaoith.
“ An neach is fearr tha ’n saogh’l a riar,
Tha fiaradh eiginn ann ’na staid,
Nach dean a shedltachd a’s a stri,
Am feast a dhireachadh air fad.
“ Mar bhata’ fiar an aghaidh cheil,
A ta o shuidheach’ fein do-chur ;
A reir mar dhireas tu a bharr,
’S cho chinnteach ni thu cam a bhun.
“ Na h-Iudhaich thionail beag no mbr,
Do’n Mhana dhoirteadh orra ’nuas ;
’N tra chuir gach neach a chuid’s a chlar,
Cha robh air barr no dadum uaith.
“ Mar sin a ta gach sonas saogh’lt,
A ta thu faotainn ann a d’ laimh,
Fa chomhair saibhreas, ’s inbhe cuirt
Tha caitheamh, curam agus cradh.
“ Ged charn thu or a’d’ shlige suas,
Fa chomhair fasaidh ’n luaith da reir,
Is ge do chuir thu innte riogh’chd,
A mheidh cha dirich i na deigh.
“ Tha cuibhrionn iomchuidh aig gach neach,
’S ged tha thu meas gur tuille b’ fhearr ;
Cha d’ thoir an t-anabharr tha’nn an sud.
Am feasd an cudrom a’s a’ chradh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence