Skip to main content

‹‹‹ prev (258) Page 178Page 178

(260) next ››› Page 180Page 180

(259) Page 179 -
DUGHALL BOCHANNAN.
“ O iomluas t-inntinn tha do phian ;
A’ diulta’ 'n diug na dh’iarr thu ’n de ;
Cha chomasach an saogh’l do riar,
Le t-anamianna ’n aghaidh cheil.
“ Na’m faigheadh toil na feol a run,
D’a mianna brudeil dh’iarradh satli;
Flaitheas a b’ aird’ cha’n iarracb i,
Na annta sud bhi siorrnidh ’snamh.
“ Ach ge do V ionmhuinn leis an fhebil,
Air talamh cbmhnachadh gach re ;
Bhiodh durachd t-ardain agus t-uaill,
Cho ard a shuas ri Cathair Dhe ;
“ Ach nam b’ aill leat sonas buan,
Do shlighe tabhair suas do Dhia,
Le durachd, creideamh agus gradh,
Is s’lsaichidh e t-uile mhiann.
“ Tha ’n cuideachd sud gach ni san t-saogh’l,
Tha ’n comas dhaoine shealbhach’ fior ;
Tha bhiadh, a’s eudach agus slaint.
Is saorsa, chirdeas, agus sith.”
’An sin do mhosgail a’s mo shuain,
Is dh-fhag mo bhruadar mi air fad ;
Ghrad leig mi dhiom bhi ruith gach sgail,
Is dh-fhas mi toilichte le m’ staid.
AN GEAMHRADH.
Nis theirig an samhradh,
’S tha ’n geamhradh teachd dlii oirn,
Fior namhaid na chinneas,
Teachd a mhilleadh ar diithcha ;
Ga saltairt fo chasaibh,
’S d’a maise ga rusgadh ;
Gun iochd aim ri dadum,
Ach a’ sladadh’s a’ plunndruinn.
Sgaoil oirne a sgiathan,
’S chuir e ghrian air a chulthaobh ;
As an nead thug e ’n t-alach,
Neo-bhaigheil ’gar sgiiirsadh ;
Sneachd iteagach gle-gheal,
O na speuran tigh’n dlu oirn,
Clacha meallain’s gaoth thuathach,
Mar luaidhe is mar fhudar.
’N uair sheideas e anail,
Cha ’n fhag anam am fluran ;
Tha bhilean mar shiosar,
Lomadh lios de gach tir-ros ;
Cha bhi sgeadach air coille,
No doire nach rulsg e ;
No sruthan nach tachd e,
Fo leachdannan du’-ghorm.
Fead reota a chleibhe,
Tha seideadh na doinionn,
Chuir beirin ann san fhairge,
’S a dh’ at’ garbh i na tonnan ;
’S a bhinntich an clamhuinn,
Air airde gach monaidh,
’S ghian sgur e na reulltan,
D' ar peile le’n solus.
Tha gach beathach a’s duine,
Nach d’ ullaich ’na sheasan,
Ga ’n sgiursadh le gaillionn
Gun talla’ gun eudach ;
’S an dream a bha gniomhach,
’Fas iargalt mi-dheirceil;
Nach toir iasad do leisgean,
Ann san t- sneachda ged eug e.
Tha ’n seillein’s an seangan,
A bha tional an stbrais,
Lc gliocas gun mhearachd,
A’ toirt aire do’n dbruinn ;
’G ithe bidh’s ag bl meala,
Gun ghainne air Ion ac,
Fo dhion ann san talamh,
O anail an reota.
Tha na cuileagan ciatach,
’Bha diamhain san t-samhradh,
’S na gathanan greine
Gu h-eihhinn a’ damhsa;
Gun deasach ’gun churam,
Roi’ dhulachd a gheamhraidh ;
A nise a’ dol b; s’,
Ann’s gach bite le teanntachd.
Ach eisd rium a shean-duin’,
’S tuig an samhladh tha’m stbri’,
Tha’m bis a tighin teann ort,
Sud an geamhradh tha’m oran ;
’S ma gheibh e thu a’d’ leisgein,
Gun deasach’ fa’ chddhail,
Cha dean iithreachas criche.
Do dhionadh o’n doruiiiu.
Gur mithich fas diaghaidh,
’S do chiabhan air glasadh,
’Na’m bearnaibh do dheudach.
Is t-eudann air casadh,
Do bhathais air rusgadh,
’S do shuilean air prabadh,
Agus crbit ort air lubadh,
Chum na h-uire do leaba’.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence