Skip to main content

‹‹‹ prev (273) Page 265Page 265

(275) next ››› Page 267Page 267

(274) Page 266 -
‘266
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. fB.T. Nuas 0—1545.
AN SEACHDAMH LINN DEUG,
Caibidil I.
MU STAID NA H-EAGLAISE ’s AN LINN SO.
An creideamh Protestanach—Aimhreit eadar am papa agus righ na Frainge'
Luchd-teagaisg an China ’s an lapan—Geur-leanmhuinn—Co-cheangal
agus cogadh air-son a’ chreideimh—Cealg nam papanach an Sasunn, (Gun¬
powder Plot)—Ar-amaoh—Mort nam Protestanach - an Eirinn—Righ
Seumas Uilleam—daoine dol do dh’ America o’n gheur-leanmhuinn.
Tha sinn a’ faicinn eaglaisean eile ag eiridh nach robh air an
steidheachadh, mar bha’n Eaglais mb' r churnliachdacii a chaidh
luasgadh o bunchar’s an linn mu dheireadh, ged bha i, mar
chuireadh am fiach, air a suidheachadh air a1 charraig.
Bha iad sin uile fodh ’n aon ainm choitcheann, mar bha’n
aon eile, ris an canadh iad Eaglais na lloimh. Ach bha na
Protestanaich a ris air an roinn, mar gub’eadh, ’s air angairm
air da cheannard ainmeil, Luther agus Calbhin; mar bha
iadsan bha ’g aidmheil teagasgan Lutheir air an ainm a bha
air-san, bha gach Eaglais eile a dhealaich o Eaglais na Roirnh,
air an gairm ath-leasaiehte. Bha iad a’ dealachadh ann an
caileigin o cheile ; ach ag aonachadh air teagasgan cudthrom-
ach an t-soisgeil. Bha iad araon a’ sgaoileadh fad agus far-
suing feadh rioghachdan agus dhuthcha na h-Eorpa. Gidh-
eadh bha ughdarras a’ phapa mor, agus bha’n roinn bu mho
do’n Eorpa fathast fodh chumhachd. Chuireadh am papa,
ris an do chan iad Paul V. ’s a’ chathair an toiseach an
t-samhraidh 1605. Bha e uaibhreach, ardanach,—cha’n
fhoghnadh leis ni bu lugha chumhachd na bh’aig an Eaglais
o thoiseach, agus cur as do na h-uile dhealaich ri Eaglais na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence